Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 28:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gabh ad ionnsaigh Aaron do bhràthair, agus a mhic maille ris, o mheasg chloinn Israeil, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt, eadhon Aaron, Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar, mic Aaroin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

33 Iomraidhean Croise  

Mic Amraim: Aaron agus Maois; agus dhealaicheadh Aaron a‑chum gun naomhaicheadh e na nithean ro‑naomh, e fhèin agus a mhic gu bràth, gun loisgeadh e tùis an làthair an Tighearna, gum frithealadh e dha, agus gum beannaicheadh e a ainm gu bràth.

Agus ghin Iohanan Asariah (esan a bha a’ frithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt anns an taigh a thog Solamh ann an Ierusalem),

Mhic Elcanah mhic Ierohaim, mhic Elieil, mhic Thoah,

(Oir dh’fhàg na Lèbhithich am fo‑bhailtean agus an sealbh, agus thàinig iad gu Iùdah agus gu Ierusalem; a chionn gun do chuir Ierobòam agus a mhic iad a fhrithealadh ann an dreuchd nan sagart don Tighearna.

Earbaidh taigh Aaroin as an Tighearna; is esan an còmhnaidh agus an sgiath.

Bha Maois agus Aaron am measg a shagart, agus Samuel nam measg-san a ghairm air a ainm; ghairm iadsan air an Tighearna, agus fhreagair esan iad.

Agus thubhairt e ri Maois, Thig a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna, thu fhèin agus Aaron, Nàdab agus Abihu, agus trì-fichead is a deich de sheanairean Israeil: agus nì sibh adhradh fada o làimh.

Agus chaidh Maois suas agus Aaron, Nàdab agus Abihu, agus trì-fichead is a deich de sheanairean Israeil.

Agus cuiridh tu iad air Aaron do bhràthair, agus air a mhic maille ris; agus ungaidh tu iad, agus coisrigidh tu iad, agus naomhaichidh tu iad; agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

Agus seo an nì a nì thu riu a‑chum an coisrigeadh, gu frithealadh dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt: Gabh aon tarbh òg, agus dà reithe gun ghaoid,

Agus naomhaichidh mi pàillean a’ choitheanail, agus an altair: naomhaichidh mi, mar an ceudna, Aaron agus a mhic, gu frithealadh dhomh ann an dreuchd an t‑sagairt.

Agus crioslaichidh tu iad le criosan (Aaron agus a mhic), agus cuiridh tu na bonaidean orra: agus is leòsan dreuchd an t‑sagairt le reachd bith-bhuan: agus coisrigidh tu Aaron agus a mhic.

Agus ungaidh tu Aaron agus a mhic, agus coisrigidh tu iad, gu frithealadh dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

Agus èideadh na seirbhis, agus èideadh naomh airson Aaroin an sagart, agus èideadh a chuid mac, gu frithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt,

Eideadh an fhrithealaidh, a fhrithealadh anns an ionad naomh; an t‑èideadh naomh airson Aaroin an sagart, agus èideadh airson a chuid mhac, a fhrithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt.

Agus ghabh Aaron Elisèba nighean Aminadaib, piuthar Naasoin, dha fhèin na mnaoi; agus rug i dha Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar.

Agus ghabh Nàdab agus Abihu, mic Aaroin, gach fear dhiubh a thùiseir, agus chuir iad teine ann, agus chuir iad tùis air, agus thug iad suas am fianais an Tighearna teine coimheach, nach d’àithn e dhaibh.

Agus labhair Maois ri Aaron, agus ri Eleàsar, agus ri Itamar, a mhic a dh’fhan beò, Gabhaibh an tabhartas-bìdh a dh’fhàgadh de thabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine, agus ithibh e gun ghortachadh làimh ris an altair; oir tha e ro‑naomh.

Is e seo cuibhreann ungadh Aaroin, agus ungadh a chuid mac, de thabhartasan an Tighearna, a bheirear suas le teine, anns an là anns an tug e an làthair iad a fhrithealadh don Tighearna ann an dreuchd an t‑sagairt;

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Thoir leat Aaron agus a mhic maille ris, agus an trusgan naomh, agus an ola-ungaidh, agus tarbh mar an ìobairt-pheacaidh, agus dà reithe, agus basgaid de aran neo-ghortaichte.

Uime sin gleidhidh tusa, agus do mhic maille riut, ur sagartachd anns gach nì a bhuineas don altair, agus an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, agus nì sibh seirbhis: thug mi dhuibh ur sagartachd, mar sheirbhis tabhartais; agus cuirear an coigreach, a thig am fagas, gu bàs.

Agus b’iad a armailt-san, eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, trì-fichead agus ceithir-mìle-deug agus sia ceud.

Agus fhuair Nàdab agus Abihu bàs, nuair a thug iad suas teine coimheach an làthair an Tighearna.

Agus thàrladh, am feadh a bha esan a’ frithealadh mar shagart an làthair Dhè ann an òrdagh a chùrsa,

Agus dh’imich clann Israeil o Bherot chloinn Iaacain gu Mosera: an sin fhuair Aaron bàs, agus dh’adhlaiceadh e an sin; agus fhritheil Eleàsar a mhac ann an dreuchd an t‑sagairt na àite.

Oir thagh an Tighearna do Dhia e a‑mach as do threubhan uile, gu seasamh a‑chum frithealaidh ann an ainm an Tighearna, e fhèin agus a mhic gu bràth.

Agus an do thagh mi e à treubhan Israeil uile gu bhith na shagart agam, a dh’ìobradh air m’altair, a losgadh tùis, a dh’iomchar èphoid am fhianais? Agus an tug mi do thaigh d’athar na tabhartasan uile a bheirear suas le teine le cloinn Israeil?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan