Ecsodus 27:9Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nì thu cùirt a’ phàillein air an taobh deas, ri deas: bidh cùirteanan airson na cùirte de anart grinn toinnte; ceud làmh-choille am fad, air aon taobh. Faic an caibideil |
Air an là sin fhèin naomhaich an rìgh meadhon na cùirte a bha air beulaibh taigh an Tighearna: oir thug e suas an sin ìobairtean-loisgte, agus tabhartasan-bìdh, agus saill nan tabhartas-sìthe; a chionn gu robh an altair umha a bha am fianais an Tighearna ro‑bheag a ghabhail nan ìobairt-loisgte, agus nan tabhartas-bìdh, agus saill nan tabhartas-sìthe.