Agus nì thu a h‑aighnean a ghabhail a luatha, agus a sluasaidean, agus a cuachan, agus a greimichean, agus a h‑aighnean-teine: a soithichean uile nì thu de umha.
Agus rinn Hiram na soithichean-ionnlaid, agus na sluasaidean, agus na cuachan: agus chuir Hiram crìoch air dèanamh na h‑obrach uile a rinn e do rìgh Solamh airson taigh an Tighearna:
Agus na h‑aighnean, agus na sluasaidean, agus na cuachan: agus na soithichean sin uile a rinn Hiram do rìgh Solamh airson taigh an Tighearna, bha iad de umha lìomhte.
Agus na cuachan, agus na smàladairean, agus na cupain, agus na spàinean, agus na tùiseirean, de òr fìorghlan: agus na lùdagain de òr, an dà chuid do dhorsan an taighe a‑staigh, eadhon an t‑ionad ro‑naomh, agus do dhorsan an taighe, eadhon an teampall.
Agus na poitean, agus na sluasaidean, agus na smàladairean, agus na spàinean, agus na soithichean umha uile leis an do rinn iad frithealadh, thug iad leo.
Mar an ceudna òr glan a‑chum nan greimichean feòla, agus nan cuach, agus nan cupan: agus a‑chum nan soitheach-ionnlaid òir, òr air chudthrom fa chomhair gach soithich-ionnlaid; agus airgead air chudthrom fa chomhair gach soithich-ionnlaid airgid:
Agus rinn Huram na h‑aighnean, agus na sluasaidean, agus na cuachan; agus chuir Huram crìoch air dèanamh na h‑obrach a rinn e do rìgh Solamh ann an taigh Dhè:
Agus na h‑aighnean, agus na sluasaidean, agus na greimichean feòla, agus an uidheam uile, rinn Huram do rìgh Solamh ann an taigh an Tighearna de umha lìomhte.
Agus rinn e uile shoithichean na h‑altarach, na h‑aighnean, agus na sluasaidean, agus na cuachan, agus na greimichean, agus na h‑aighnean teine: a soithichean uile rinn e de umha.
Agus gabhaidh e tùiseir làn de èibhlean teine on altair an làthair an Tighearna, agus làn a ghlac de thùis dheagh-bholaidh pronnte gu mìn, agus bheir e an taobh a‑staigh den roinn-bhrat e.
Agus cuiridh iad oirre a soithichean uile, leis am fritheil iad ma timcheall, eadhon na tùiseirean, na greimichean-feòla, agus na sluasaidean, agus na cuachan, soithichean na h‑altarach uile; agus sgaoilidh iad oirre còmhdach de chraicnean bhroc, agus cuiridh iad rithe a bataichean.