Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 27:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ann am bùth a’ choitheanail an taobh a‑muigh den bhrat, a tha fa chomhair na Fianais, òrdaichidh Aaron e, agus a mhic, o fheasgar gu madainn an làthair an Tighearna: bidh e na reachd sìorraidh dan ginealaichean, as leth chloinn Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

44 Iomraidhean Croise  

Agus thug Dia mar ainm air an t‑solas Là, agus air an dorchadas thug e mar ainm Oidhche. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an ciad là.

Agus thug Dia mar ainm air an adhar Nèamh. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an dara là.

Agus tha iad a’ losgadh don Tighearna ìobairtean-loisgte air gach madainn agus air gach feasgar, agus tùis chùbhraidh; agus tha aran na fianais air a’ bhòrd fhìorghlan, agus an coinnleir òir maille ra lòchrain a’ lasadh air gach feasgar: oir tha sinne a’ gleidheadh cùram an Tighearna ar Dia; ach thrèig sibhse e.

Feuch, beannaichibh an Tighearna, sibhse òglacha an Tighearna gu lèir, a sheasas ann an taigh an Tighearna gach oidhche.

Agus bidh an là seo dhuibh mar chuimhneachan; agus gleidhidh sibh e na là‑fèille don Tighearna air feadh ur ginealaichean; le òrdagh sìorraidh gleidhidh sibh e.

Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin thaisg Aaron e an làthair na Fianais, gu bhith air a ghleidheadh.

Agus cuiridh tu anns an àirc an Fhianais a bheir mise dhut.

Agus bidh iad air Aaron, agus air a mhic, nuair a thig iad a‑steach do phàillean a’ choitheanail, no nuair a thig iad am fagas don altair, a fhrithealadh anns an ionad naomh; a‑chum is nach giùlain iad aingidheachd, agus nach faigh iad bàs: bidh e na reachd sìorraidh dha fhèin, agus da shliochd na dhèidh.

Agus bidh e le Aaron agus le a mhic le reachd bithbhuan o chloinn Israeil; oir is tabhartas-togte e: agus bidh e na thabhartas-togte o chloinn Israeil de ìobairtean an tabhartasan-sìthe, eadhon an tabhartas-togte don Tighearna.

Bidh seo na thabhartas-loisgte bithbhuan air feadh ur ginealaichean, aig doras pàillean a’ choitheanail an làthair an Tighearna, far an coinnich mise sibh, a labhairt riutsa an sin.

Agus naomhaichidh mi pàillean a’ choitheanail, agus an altair: naomhaichidh mi, mar an ceudna, Aaron agus a mhic, gu frithealadh dhomh ann an dreuchd an t‑sagairt.

Agus ionnlaididh iad an làmhan agus an casan, a‑chum is nach faigh iad bàs: agus bidh e na òrdagh bith-bhuan dhaibh, eadhon dha fhèin agus da shliochd air feadh an ginealaichean.

Agus bruthaidh tu cuid dheth ro‑mhìn, agus cuiridh tu cuid dheth fa chomhair na Fianais ann am pàillean a’ choitheanail, far an coinnich mise thu: ro‑naomh bidh e dhuibh.

Agus nuair a lasas Aaron na lòchrain mu fheasgar, loisgidh e tùis oirre; tùis bhithbhuan an làthair an Tighearna, air feadh ur ginealaichean.

Agus cuiridh tu ann àirc na Fianais, agus falaichidh tu an àirc leis an roinn-bhrat.

Na òl fìon no deoch làidir, thu fhèin, no do mhic maille riut, nuair a thèid sibh a‑steach do phàillean a’ choitheanail, air eagal gum faigh sibh bàs: bidh e na reachd bithbhuan air feadh ur ginealaichean;

Agus bidh seo dhuibh na òrdagh sìorraidh, a-chum rèite a dhèanamh airson chloinn Israeil, as leth am peacaidhean gu lèir aon uair anns a’ bhliadhna. Agus rinn e mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus chan ìobair iad nas mò an ìobairtean do dhiabhail, an dèidh an deachaidh iad le strìopachas: bidh seo na reachd dhaibh gu sìorraidh air feadh an ginealaichean.

Agus chan ith sibh aran, no gràn cruadhaichte, no diasan glasa, gus an là sin fhèin anns an toir sibh tabhartas a‑chum ur Dè: bidh e na reachd bithbhuan air feadh ur ginealaichean, nur n‑àiteachan-còmhnaidh uile:

Agus gairmidh sibh air an là sin fhèin, a‑chum is gum bi e na cho-ghairm naomh dhuibh: obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air; bidh e na reachd sìorraidh nur n‑àiteachan-còmhnaidh uile air feadh ur ginealaichean.

Aithn do chloinn Israeil iad a thoirt ad ionnsaigh ola fhìorghlan a’ chroinn-ola, brùite airson an t‑solais, a thoirt air na lòchrain lasadh an còmhnaidh.

An taobh a‑muigh de bhrat na Fianais, ann am pàillean a’ choitheanail, òrdaichidh Aaron e o fheasgar gu madainn, an làthair an Tighearna an còmhnaidh: bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean.

Agus is le Aaron agus a mhic e, agus ithidh iad e anns an ionad naomh; oir tha e ro‑naomh dha, de thabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine, le reachd bithbhuan.

Bidh e na reachd bithbhuan dur ginealaichean air feadh ur n‑àiteachan-còmhnaidh uile, nach ith sibh saill no fuil sam bith.

Agus cuiridh e a làmh air ceann a thabhartais, agus marbhaidh e e fa chomhair pàillean a’ choitheanail: agus crathaidh mic Aaroin a fhuil air an altair mun cuairt.

Agus gabhaidh e làn a dhùirn dheth, de fhlùr an tabhartais-bhìdh, agus de a ola, agus an tùis uile a tha air an tabhartas-bhìdh, agus loisgidh e air an altair e, a‑chum fàile chùbhraidh, eadhon cuimhneachan dheth don Tighearna.

A dh’àithn an Tighearna a thoirt dhaibh o chloinn Israeil, anns an là anns an d’ung e iad, le reachd sìorraidh air feadh an ginealaichean.

Oir bu chòir do bhilean an t‑sagairt eòlas a choimhead, agus bu chòir an reachd iarraidh as a bheul: oir is esan teachdaire Tighearna nan sluagh.

Ach nì na Lèbhithich seirbhis pàillean a’ choitheanail, agus giùlainidh iad an cionta: bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean, nach bi oighreachd sam bith aca am measg chloinn Israeil.

Agus gleidhidh sibh cùram an ionaid naoimh, agus cùram na h‑altarach; a‑chum is nach bi fearg nas mò air cloinn Israeil.

Agus bidh e na reachd sìorraidh dhaibh, gun nigh esan a chrathas an t‑uisge-dealachaidh a aodach, agus bidh esan a bheanas ris an uisge-dhealachaidh neòghlan gu feasgar.

Agus bidh na nithean sin nan reachd breitheanais dhuibh, air feadh ur ginealaichean, nur n‑àitean-còmhnaidh uile.

Agus bheir thu na Lèbhitich air beulaibh pàillean a’ choitheanail: agus cruinnichidh tu coitheanal chloinn Israeil uile an ceann a chèile:

Am poball a bha nan suidhe ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; agus tha solas air èirigh do na daoine a bha nan suidhe ann an tìr agus an sgàil a’ bhàis.

Biodh ur leasraidh crioslaichte mun cuairt, agus ur lòchrain air an lasadh;

B’esan an lòchran lasrach agus dealrach: agus bha sibhse toileach car tamaill gàirdeachas a dhèanamh na sholas.

Oir is e Dia a thubhairt ris an t‑solas soillseachadh à dorchadas, a dhealraich ann ar cridheachan-ne, a thoirt solas eòlas glòir Dhè, ann an gnùis Iosa Crìosd.

Tha againn mar an ceudna facal fàidheadaireachd as cinntiche; dom math a nì sibh aire a thoirt, mar do lòchran a tha a’ toirt solais uaithe ann an ionad dorcha, gus an soillsich an là, agus an èirich an reul-mhaidne nur cridheachan:

A‑chum aingeal eaglais Ephesuis, sgrìobh: Is iad seo na nithean a tha an Tì a tha a’ cumail nan seachd reultan na làimh dheis, a tha ag imeachd ann am meadhon nan seachd coinnleirean òir, ag ràdh;

Agus mun deachaidh lòchran Dhè as, nuair a bha Samuel na laighe ann an teampall an Tighearna, far an robh àirc Dhè;

Agus bha e mar sin on là sin a‑mach gun do rinn e na lagh e agus na riaghailt aig Israel gus an là‑an‑diugh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan