Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 27:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus àithnidh tu do chloinn Israeil, gun toir iad ad ionnsaigh ola fhìorghlan a’ chroinn-ola, brùite airson an t‑solais, a thoirt air an lòchran lasadh an còmhnaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Deasaichidh tu bòrd fam chomhair ann am fianais mo naimhdean; dh’ung thu le ola mo cheann; tha mo chupan a’ cur thairis.

Ola a‑chum solais, spìosraidh a‑chum ola-ungaidh, agus a‑chum tùise deagh-bholaidh,

Bidh uile shoithichean a’ phàillein, na sheirbhis uile, agus a phinneachan uile, agus pinneachan na cùirte uile, de umha.

Agus spìosraidh, agus ola airson an t‑solais, agus airson na h‑ola ungaidh, agus airson na tùise cùbhraidh,

Agus ola airson solais, agus spìosraidh airson ola-ungaidh, agus airson na tùise cùbhraidh,

An coinnleir fìorghlan agus a lòchrain, eadhon a lòchrain gu bhith air an cur ann an òrdagh, agus a shoithichean uile, agus an ola a‑chum solais;

Agus bheir thu a‑steach am bòrd, agus cuiridh tu an òrdagh na nithean a tha gu bhith air an cur an òrdagh air; agus bheir thu a‑steach an coinnleir, agus lasaidh tu a lòchrain.

Is iad seo an dà chrann-ola, agus an dà choinnleir a tha nan seasamh an làthair Dia na talmhainn.

Ach thubhairt an crann-ola riu, Am fàgainn-sa mo reamhrachd, leis a bheil iad leamsa a’ toirt urraim do Dhia agus do dhuine, agus an rachainn gu bhith air m’àrdachadh os cionn nan craobh?

Agus mun deachaidh lòchran Dhè as, nuair a bha Samuel na laighe ann an teampall an Tighearna, far an robh àirc Dhè;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan