Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 27:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì thu a h‑adhaircean air a ceithir oisnean: bidh a h‑adhaircean den nì cheudna; agus còmhdaichidh tu thairis i le umha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus bha eagal air Adoniah ro Sholamh, agus dh’èirich e, agus chaidh e, agus ghabh e greim de adhaircean na h‑altarach.

An sin thàinig tuairisgeal gu Ioab; (oir thionndaidh Ioab an dèidh Adoniah, ged nach do thionndaidh e an dèidh Absaloim:) agus theich Ioab gu pàillean an Tighearna, agus ghabh e greim de adhaircean na h‑altarach.

Air an là sin fhèin naomhaich an rìgh meadhon na cùirte a bha air beulaibh taigh an Tighearna: oir thug e suas an sin ìobairtean-loisgte, agus tabhartasan-bìdh, agus saill nan tabhartas-sìthe; a chionn gu robh an altair umha a bha am fianais an Tighearna ro‑bheag a ghabhail nan ìobairt-loisgte, agus nan tabhartas-bìdh, agus saill nan tabhartas-sìthe.

Agus thug e mar an ceudna an altair umha, a bha ann am fianais an Tighearna, o bheulaibh an taighe, o eadar an altair agus taigh an Tighearna, agus chuir e i air taobh tuath na h‑altarach.

Agus rinn e altair umha: fichead làmh-choille a fad, agus fichead làmh-choille a leud, agus deich làmhan-coille a h‑àirde.

Is e Dia as Tighearna ann, agus dhealraich e oirnn; ceanglaibh an ìobairt le cùird, eadhon ri adhaircean na h‑altarach.

Agus nì thu a h‑aighnean a ghabhail a luatha, agus a sluasaidean, agus a cuachan, agus a greimichean, agus a h‑aighnean-teine: a soithichean uile nì thu de umha.

Agus gabhaidh tu de fhuil an tairbh, agus cuiridh tu i air adhaircean na h‑altarach led mheur, agus dòirtidh tu an fhuil uile aig bonn na h‑altarach.

Agus rinn e le sin na buinn do dhoras pàillean a’ choitheanail, agus an altair umha, agus a’ chliath umha aice, agus soithichean na h‑altarach uile,

Mar sin bidh an altair ceithir làmhan-coille: agus on altair an àird bidh ceithir adhaircean.

Agus thèid e a‑mach a dh’ionnsaigh na h‑altarach a tha am fianais an Tighearna, agus nì e rèite air a son; agus gabhaidh e de fhuil an tairbh, agus de fhuil a’ bhuic agus cuiridh e i air adhaircean na h‑altarach mun cuairt.

Agus cuiridh e cuid den fhuil air adhaircean na h‑altarach a tha ann am fianais an Tighearna, a tha ann am pàillean a’ choitheanail, agus dòirtidh e a‑mach an fhuil uile aig bun altair na h‑ìobairt-loisgte, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail.

Agus gabhaidh an sagart cuid de fhuil na h‑ìobairt-pheacaidh le a mheur, agus cuiridh e i air adhaircean altair an h‑ìobairt-loisgte, agus dòirtidh e a‑mach a fuil aig bun altair na h‑ìobairt-loisgte.

Agus cuiridh an sagart cuid den fhuil air adhaircean altair na tùise cùbhraidh ann am fianais an Tighearna, a tha ann am pàillean a’ choitheanail; agus dòirtidh e fuil an tairbh uile aig bun altair na h‑ìobairt-loisgte, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail.

Agus mharbh e e; agus ghabh Maois an fhuil, agus chuir e i air adhaircean na h‑altarach mun cuairt le a mheur, agus ghlan e an altair; agus dhòirt e an fhuil aig bun na h‑altarach, agus naomhaich e i, a dhèanamh rèite oirre.

Nì Tighearna nan sluagh an dìon; agus ithidh iad, agus ceannsaichidh iad le clachan-tabhaill: agus òlaidh iad, agus nì iad iolach mar le fìon; agus lìonar iad mar chupain, mar oiseanan na h‑altarach.

Agus air an cùram-san bidh an àirc, agus am bòrd, agus an coinnleir, agus na h‑altairean, agus soithichean an ionaid naoimh, leis am fritheil iad, agus am brat, agus a sheirbhis uile.

A‑chum tre dhà nì neo-chaochlaideach, anns an robh e eu‑comasach gun dèanadh Dia breug, gum biodh againne comhfhurtachd làidir, a theich a‑chum dìdein gu greim a dhèanamh air an dòchas a chuireadh romhainn:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan