Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 27:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bidh uile shoithichean a’ phàillein, na sheirbhis uile, agus a phinneachan uile, agus pinneachan na cùirte uile, de umha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis car tamaill bhig nochdadh gràs on Tighearna ar Dia, a dh’fhàgail dhuinn fuidhill, agus a thabhairt tàirnge dhuinn na ionad naomh, a‑chum gun soillsicheadh ar Dia ar sùilean, agus gun tugadh e dhuinn beagan beothachaidh nar daorsa:

Fad na cùirte ceud làmh-choille, agus a leud lethcheud làmh-choille anns gach àite, agus a h‑àirde còig làmhan-coille, de anart grinn toinnte; agus am buinn de umha.

Agus àithnidh tu do chloinn Israeil, gun toir iad ad ionnsaigh ola fhìorghlan a’ chroinn-ola, brùite airson an t‑solais, a thoirt air an lòchran lasadh an còmhnaidh.

Agus nì thu a h‑aighnean a ghabhail a luatha, agus a sluasaidean, agus a cuachan, agus a greimichean, agus a h‑aighnean-teine: a soithichean uile nì thu de umha.

Pinneachan a’ phàillein, agus pinneachan na cùirte, agus an cùird;

Agus bha uile phinneachan a’ phàillein, agus na cùirte mun cuairt, de umha.

Agus buinn na cùirte mun cuairt, agus buinn geata na cùirte, agus uile phinneachan a’ phàillein, agus uile phinneachan na cùirte mun cuairt.

Cùirteanan na cùirte, a puist, agus a buinn, agus am brat airson geata na cùirte, a cùird, agus a pinneachan, agus uile shoithichean seirbhis a’ phàillein, airson bùth a’ choitheanail;

Tha briathran nan daoine glice mar bhioran, agus mar thàirngean air an sparradh le uachdarain choitheanal, a thugadh le aon aodhaire.

Amhairc air Sion, cathair ar n‑àrd fhèillean; chì do shùilean Ierusalem na còmhnaidh fhoisdinnich, na pàillean nach atharraichear; cha ghluaisear aon de a chuaillean gu bràth, cha mhò a bhrisear aon da chùird.

Uaithesan thig a‑mach a’ chlach-oisne, uaithesan an tarrang, uaithesan am bogha-catha, uaithesan gach uile uachdaran le chèile.

Agus puist na cùirte mun cuairt, agus am buinn, agus am pinneachan, agus an cùird.

Agus puist na cùirte mun cuairt, agus am buinn, agus am pinneachan, agus an cùird, maille rin innealan uile, agus maille rin seirbhis uile; agus air an ainm àirmhidh sibh innealan cùram an eallaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan