Agus airson geata na cùirte bidh brat de fhichead làmh-choille, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, obraichte le obair shnàthaide: am puist ceithir, agus am buinn ceithir.
Fad na cùirte ceud làmh-choille, agus a leud lethcheud làmh-choille anns gach àite, agus a h‑àirde còig làmhan-coille, de anart grinn toinnte; agus am buinn de umha.
Agus den mhìle agus seachd ceud agus còig-seceil-dheug agus trì-fichead, rinn e cromagan do na puist, agus chòmhdaich e an cinn, agus chuir e cuairteagan man timcheall.