Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 27:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus airson geata na cùirte bidh brat de fhichead làmh-choille, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, obraichte le obair shnàthaide: am puist ceithir, agus am buinn ceithir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Ann an trusgan de obair-ghrèis bheirear i a‑chum an Rìgh; bheirear na maighdeannan na dèidh, a bana-chompanaich, a‑steach thugad.

Agus nì thu brat de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte: de obair ealanta nìthear e, le ceruban.

Agus nì thu còmhdach airson doras a’ bhùtha, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, obraichte le obair ghrèise.

Agus air an taobh eile bidh a cùirteanan còig làmhan-coille deug: am puist trì, agus am buinn trì.

Bidh na puist uile timcheall na cùirte air an ceangal mun cuairt le airgead: bidh an cromagan de airgead, agus am buinn de umha.

Agus nì thu an còta le obair ghrèise de anart grinn, agus nì thu an crùn-sagairt de anart grinn, agus nì thu an crios de obair shnàthaide.

Agus rinn e airson doras a’ bhùtha brat de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, de obair snàthaid:

Agus crios de anart grinn toinnte, agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, de obair shnàthaid; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus cùirteanan na cùirte, agus am brat airson doras na cùirte, a tha làimh ris a’ phàillean, agus làimh ris an altair mun cuairt, agus a cùird, airson a seirbhis uile.

Nach d’fhuair iad, nach eil iad a’ roinn na creiche? Maighdeann no dhà do gach fear? Creach iomadh-dathach do Shisera, creach iomadh-dathach de obair snàthaide, iomadh-dathach de obair snàthaide air gach taobh, airson muinealan na muinntir sin a ghlacas a’ chreach?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan