Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 26:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì thu cùirteanan de fhionnadh ghobhar gu bhith nan còmhdach air a’ phàillean: aon-chùirtean-deug nì thu dhiubh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Uile ghlòrmhor tha nighean an rìgh a‑staigh; air obrachadh le òr tha a h‑aodach.

Agus gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn, agus fionnadh ghobhar,

Agus nì thu am pàillean le deich cùirteanan de anart grinn toinnte, agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid: maille ri ceruban de obair ealanta nì thu iad.

Agus am fuidheall a dh’fhàgar de chùirteanan a’ bhùtha, leth a’ chùirtein a dh’fhàgar, crochar e thar taobh-cùil a’ phàillein.

Agus nì thu còmhdach airson a’ bhùtha de chraicnean reitheachan air an dath dearg, agus còmhdach de chraicnean bhroc os a chionn.

Agus nì thu lethcheud cromag òir, agus ceanglaidh tu na cùirteanan ri chèile leis na cromagan: agus bidh e na aon phàillean.

Fad aon chùirtein deich làmhan-coille ar fhichead, agus leud aon chùirtein ceithir làmhan-coille: bidh an t‑aon-chùirtean-deug uile a dh’aon tomhas.

Agus cuiridh tu ri chèile còig cùirteanan leo fhèin, agus sia cùirteanan leo fhèin, agus dùblaichidh tu an siathamh cùirtean air taobh-beòil a’ bhùtha.

Agus gach fear aig an d’fhuaireadh gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn, agus fionnadh ghobhar, agus craicnean dearga reitheachan, agus craicnean bhroc, thug iad leo iad.

Agus na mnathan uile a dhùisg an cridhe suas ann an gliocas, shnìomh iad fionnadh ghobhar.

Agus gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn, agus fionnadh ghobhar,

Agus cruthaichidh an Tighearna air gach àite-tàimh de shliabh Shioin, agus air a coitheanalan, neul anns an là, agus deatach, agus dealradh teine lasraich anns an oidhche; oir thar a’ ghlòir uile bidh còmhdach.

Agus air cùram mic Ghersoin, ann am pàillean a’ choitheanail, bidh am pàillean, agus am bùth, a chòmhdach, agus am brat airson doras pàillean a’ choitheanail,

Agus glanaibh ur n‑aodach uile, agus gach nì a rinneadh de chraicnean, agus gach obair de fhionnadh ghobhar, agus gach nì a rinneadh de fhiodh.

Agus giùlainidh iad cùirteanan a’ phàillein, agus pàillean a’ choitheanail, a chòmhdach, agus an còmhdach de chraicnean bhroc, a tha shuas thairis air, agus brat doras pàillean a’ choitheanail.

Ach duine falaichte a’ chridhe, ann an neo-thruaillidheachd spioraid mhacanta agus chiùin, nì a tha ro‑luachmhor ann an sealladh Dhè.

Mar an ceudna, a dhaoine òga, bithibh umhail do na seanairean: seadh, bithibh uile umhail da chèile, agus bithibh air ur sgeadachadh le irioslachd: oir tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a’ toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan