Agus crochaidh tu suas am brat fo na cromagan, agus bheir thu a‑steach ann an sin àirc na Fianais, an taobh a‑staigh den bhrat: agus roinnidh am brat dhuibhse eadar an t‑ionad naomh agus an t‑ionad ro‑naomh.
Lethcheud lùb nì thu ann an aon chùirtean, agus lethcheud lùb nì thu ann an oir a’ chùirtein a tha ann an coicheangal an dara aoin; a‑chum is gun gabh na lùban greim de a chèile.
Om bheil an corp uile, air a cheangal gu ceart, agus air a dhlùthachadh tre an nì sin a tha gach alt a’ toirt uaithe, a rèir obrachaidh èifeachdaich ann an tomhas gach buill, a’ faghail fàs cuirp, a‑chum a thogail fhèin suas ann an gràdh.