Agus nì thu lùban de ghorm air oir aon chùirtein, on iomall anns a’ choicheangal: agus, air a’ mhodh cheudna, nì thu ann an oir a’ chùirtein as fhaide a‑mach, ann an coicheangal an dara aoin.
Lethcheud lùb nì thu ann an aon chùirtean, agus lethcheud lùb nì thu ann an oir a’ chùirtein a tha ann an coicheangal an dara aoin; a‑chum is gun gabh na lùban greim de a chèile.
Agus rinn e lethcheud lùb air an oir a b’fhaide a‑mach den chùirtean anns a’ choicheangal, agus lethcheud lùb rinn e air oir a’ chùirtein a tha a’ coicheangal an dara aoin.