Oir cha do ghabh mise còmhnaidh ann an taigh on là anns an tug mi a‑nìos clann Israeil as an Eiphit, eadhon gus an là‑an‑diugh, ach bha mi ag imeachd ann am bùth agus ann am pàillean.
Agus airson geata na cùirte bidh brat de fhichead làmh-choille, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, obraichte le obair shnàthaide: am puist ceithir, agus am buinn ceithir.
Agus nì thu uchd-èideadh a’ bhreitheanais le obair ealanta; a rèir obair na h‑èphoid nì thu e: de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte nì thu e.
Agus bha am brat airson geata na cùirte na obair shnàthaid de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte: agus b’e fichead làmh-choille a fhad agus b’e a àirde anns an leud còig làmhan-coille, a’ co‑fhreagairt do chùirteanan na cùirte:
Sgeadaich mi thu fòs le obair-ghrèise, agus chuir mi brògan de chraiceann bruic ort, agus chrioslaich mi mun cuairt thu le anart grinn, agus chòmhdaich mi thu le sìoda.
Agus air cùram mic Ghersoin, ann am pàillean a’ choitheanail, bidh am pàillean, agus am bùth, a chòmhdach, agus am brat airson doras pàillean a’ choitheanail,
Agus air an là anns an do thogadh suas am pàillean, chòmhdaich an neul am pàillean, eadhon bùth na Fianais; agus air feasgar bha air a’ phàillean mar gum bu choslas teine gus a’ mhadainn.