Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 26:35

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cuiridh tu am bòrd an leth a‑muigh den bhrat, agus an coinnleir fa chomhair a’ bhùird air taobh deas a’ phàillein: agus cuiridh tu am bòrd air an taobh tuath.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus chuir e am bòrd ann am bùth a’ choitheanail air taobh a’ phàillein mu thuath, an taobh a‑muigh den roinn-bhrat.

Agus chuir e an coinnleir ann am bùth a’ choitheanail, thall fa chomhair a’ bhùird, air taobh a’ phàillein ris an àird a deas.

Agus bheir thu a‑steach am bòrd, agus cuiridh tu an òrdagh na nithean a tha gu bhith air an cur an òrdagh air; agus bheir thu a‑steach an coinnleir, agus lasaidh tu a lòchrain.

Agus cha las daoine coinneal a‑chum gun cuir iad i fo shoitheach, ach ann an coinnleir, agus nì i solas do na bheil a‑staigh.

Oir dheasaicheadh an ciad phàillean, anns an robh an coinnleir, agus am bòrd, agus aran na fianais, ris an abrar an t‑ionad naomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan