Bha na cùirteanan geal, uaine, agus gorm air an crochadh le còrdan de anart grinn agus de chorcar, air failbheagan airgid, agus puist mharmoir: na leapaichean de òr agus de airgead, air leac-ùrlar de mharmor dearg, agus gorm, agus geal, agus dubh.
Agus crochaidh tu suas am brat fo na cromagan, agus bheir thu a‑steach ann an sin àirc na Fianais, an taobh a‑staigh den bhrat: agus roinnidh am brat dhuibhse eadar an t‑ionad naomh agus an t‑ionad ro‑naomh.