Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 26:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì thu brat de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte: de obair ealanta nìthear e, le ceruban.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Agus rinn e am brat de ghorm, agus de chorcar, agus de dhearg, agus de anart grinn, agus dh’obraich e ceruban air.

Ma dhìochuimhnicheas mise thusa, a Ierusaleim, dìochuimhnicheadh mo làmh dheas a seòltachd.

Agus nì thu dà cherub òir: de obair bhuailte nì thu iad, aig dà cheann na cathair-thròcair.

Agus gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn, agus fionnadh ghobhar,

Agus nì thu am pàillean le deich cùirteanan de anart grinn toinnte, agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid: maille ri ceruban de obair ealanta nì thu iad.

Agus crochaidh tu e air ceithir puist de fhiodh sitim, air an còmhdachadh thairis le òr: agus bidh an cromagan de òr, air na ceithir buinn airgid.

Agus airson geata na cùirte bidh brat de fhichead làmh-choille, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, obraichte le obair shnàthaide: am puist ceithir, agus am buinn ceithir.

Ann am bùth a’ choitheanail an taobh a‑muigh den bhrat, a tha fa chomhair na Fianais, òrdaichidh Aaron e, agus a mhic, o fheasgar gu madainn an làthair an Tighearna: bidh e na reachd sìorraidh dan ginealaichean, as leth chloinn Israeil.

Agus nì thu uchd-èideadh a’ bhreitheanais le obair ealanta; a rèir obair na h‑èphoid nì thu e: de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte nì thu e.

An àirc agus a bataichean, a’ chathair-thròcair agus roinn-bhrat a’ chòmhdaich;

Agus shnìomh na mnathan uile a bha glic-chridheach len làmhan, agus thug iad leo an nì a shnìomh iad, an gorm, agus an corcar, an sgàrlaid, agus an t‑anart grinn.

Lìon e iadsan le gliocas cridhe, a dh’obrachadh gach gnè obrach, obraichean a’ ghearradair, agus an obraiche ealanta, agus an obraiche le snàthaid ann an gorm, agus ann an corcar, ann an sgàrlaid, agus ann an anart grinn, agus an fhigheadair, a nì obair sam bith, agus a dhealbhas obair ealanta.

Agus gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn, agus fionnadh ghobhar,

Agus rinn e roinn-bhrat de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte: de obair ealanta rinn e e, le ceruban.

Agus rinn e dha ceithir puist de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr: bha an cromagan de òr, agus thilg e dhaibh ceithir buinn airgid.

Agus rinn gach duine glic-chridheach nam measg-san a dh’obraich obair a’ phàillein, deich cùirteanan de anart grinn toinnte agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid; le ceruban de obair ealanta rinn e iad:

Agus maille ris Aholiab, mac Ahisamaich, de threubh Dhain, gearradair, agus obraiche ealanta, agus fear obrach-grèise ann an gorm, agus ann an corcar, agus ann an sgàrlaid, agus ann an anart grinn.

Agus thug e an àirc a‑steach don phàillean, agus chuir e suas brat a’ chòmhdaich, agus chòmhdaich e àirc na Fianais, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus cuiridh tu ann àirc na Fianais, agus falaichidh tu an àirc leis an roinn-bhrat.

Cia àillidh do chasan ann am brògan, a nighean rìoghail! Tha uilt do shliasad mar usgraichean, obair làmhan fir-ceàirde:

An sin marbhaidh e boc-goibhre na h‑ìobairt-pheacaidh a bhios airson an t‑sluaigh, agus bheir e a fhuil an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, agus nì e ra fhuil-san mar a rinn e ri fuil an tairbh, agus crathaidh e i air a’ chathair-thròcair, agus fa chomhair na cathair-thròcair.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Labhair ri Aaron do bhràthair, a‑chum nach tèid e anns gach àm a‑steach don ionad naomh an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, an làthair na cathair-thròcair, a tha air an àirc, a‑chum nach bàsaich e: oir foillsichidh mise mi fhèin ann an neul air a’ chathair-thròcair.

Agus nuair a bhios an camp gu dol air aghaidh, thig Aaron agus a mhic, agus bheir iad a‑nuas brat a’ chòmhdaich, agus còmhdaichidh iad àirc na Fianais leis;

Agus, feuch, reubadh brat-roinn an teampaill na dhà chuid o mhullach gu ìochdar; agus chriothnaich an talamh, agus sgoilteadh na creagan:

Agus bha brat-roinn an teampaill air a reubadh na dhà chuid o mhullach gu ìochdar.

Agus dhorchaicheadh a’ ghrian, agus reubadh brat-roinn an teampaill na mheadhon.

Oir is esan ar sìth-ne, a rinn aon dhinn araon, agus a bhris sìos balla meadhonach an eadar-dhealachaidh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan