Agus còmhdaichidh tu thairis na bùird le òr, agus nì thu am failbheagan de òr mar àiteachan do na croinn: agus còmhdaichidh tu thairis na croinn le òr.
Agus b’e seo obair a’ choinnleir: bha e de òr buailte gu ruig a chas, gu ruig a bhlàthan bha e de obair bhuailte: a rèir an t‑samhlaidh a nochd an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn e an coinnleir.
Bha pàillean na fianais aig ar n‑athraichean anns an fhàsach, a rèir mar a dh’àithn an tì a labhair ri Maois gun dèanadh e e a rèir an t‑samhlaidh a chunnaic e.
Muinntir a tha a’ dèanamh seirbhis le samhladh agus sgàil nan nithean nèamhaidh, a rèir mar a dh’òrdaicheadh do Mhaois le Dia nuair a bha e air tì am pàillean a chur suas. Oir feuch (tha e ag ràdh) gun dèan thu na h‑uile nithean a rèir an t‑saimpleir a nochdadh dhut anns an t‑sliabh.
B’fheumail uime sin gum biodh samhlaidhean nan nithean a tha anns na nèamhan air an glanadh leo seo; ach na nithean nèamhaidh fhèin le ìobairtean a b’fheàrr na iad seo:
Agus chruinnich coitheanal chloinn Israeil uile an ceann a chèile aig Siloh, agus chuir iad suas pàillean a’ choitheanail an sin, agus cheannsaicheadh an tìr romhpa.