Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 26:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bidh còig cùirteanan air an ceangal gach aon ri chèile; agus na còig cùirteanan eile air an ceangal gach aon ri chèile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Fad aon chùirtein ochd làmhan-coille ar fhichead, agus leud aon chùirtein, ceithir làmhan-coille: an aon tomhas do na cùirteanan uile.

Agus nì thu lùban de ghorm air oir aon chùirtein, on iomall anns a’ choicheangal: agus, air a’ mhodh cheudna, nì thu ann an oir a’ chùirtein as fhaide a‑mach, ann an coicheangal an dara aoin.

Agus cuiridh tu ri chèile còig cùirteanan leo fhèin, agus sia cùirteanan leo fhèin, agus dùblaichidh tu an siathamh cùirtean air taobh-beòil a’ bhùtha.

Agus cheangail e còig cùirteanan gach aon ri chèile: agus na còig cùirteanan eile cheangail e gach aon ri chèile.

A‑chum gum bi iad uile nan aon; a‑chum mar a tha thusa, Athair, annamsa, agus mise annadsa, gum bi iadsan mar an ceudna nan aon annainne; a‑chum gun creid an saoghal gun do chuir thusa uat mi.

A‑nis tha eadar-dhealachadh thìodhlacan ann, ach chan eil ach aon Spiorad ann.

Om bheil an corp uile, air a cheangal gu ceart, agus air a dhlùthachadh tre an nì sin a tha gach alt a’ toirt uaithe, a rèir obrachaidh èifeachdaich ann an tomhas gach buill, a’ faghail fàs cuirp, a‑chum a thogail fhèin suas ann an gràdh.

Agus gun an Ceann a chumail, om bheil an corp uile, air dha a bhith air a bheathachadh tre uilt agus bhannan, agus air a dhlùth-cheangal ri chèile, a’ fàs le fàs Dhè.

Ionnas gum faigheadh an cridhe sòlas, air dhaibh a bhith air an dlùth-cheangal ri chèile ann an gràdh, agus a‑chum uile shaoibhreas an làn dearbhachd tuigse, a‑chum eòlas rùn-diamhair Dhè, eadhon an Athar, agus Chrìosd;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan