Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 26:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus còmhdaichidh tu thairis na bùird le òr, agus nì thu am failbheagan de òr mar àiteachan do na croinn: agus còmhdaichidh tu thairis na croinn le òr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus ann an taobh-beòil a’ ghuth-àit bha fichead làmh-choille air fad, agus fichead làmh-choille air leud, agus fichead làmh-choille air àirde; agus chòmhdaich e e le òr fìorghlan: chòmhdaich e cuideachd an altair le seudar.

Agus chòmhdaich e an taigh uile le òr, gus an do chrìochnaicheadh an taigh uile: mar an ceudna an altair uile, a bha làimh ris a’ ghuth-àit, chòmhdaich e le òr.

Fa chomhair an iomaill bidh na failbheagan, a‑chum àitean do na bataichean, gus am bòrd a ghiùlan.

Agus ruigidh an crann meadhonach ann am meadhon nam bòrd o cheann gu ceann.

Agus togaidh tu suas am pàillean a rèir a shamhlaidh, a nochdadh dhut anns an t‑sliabh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan