Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 26:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì thu croinn de fhiodh sitim; còig airson nam bòrd air aon taobh den phàillean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus craicnean reitheachan air an dath dearg, agus craicnean bhroc, agus fiodh sitim,

Agus bidh ochd bùird ann, agus an casan de airgead, sia-casan-deug; dà chois fo aon bhòrd, agus dà chois fo bhòrd eile.

Agus còig croinn airson nam bòrd air an taobh eile den phàillean, agus còig croinn airson bùird taobhan a’ phàillein airson an dà thaoibh an iar.

Agus fo choimhead agus chùram mic Mherari bidh bùird a’ phàillein, agus a chroinn, agus a phuist, agus a bhuinn, agus a shoithichean uile, agus gach nì a fhrithealas dha,

Agus is e seo cùram an eallaich, a rèir an seirbhis uile ann am pàillean a’ choitheanail; bùird a’ phàillein agus a chroinn, agus a phuist, agus a bhuinn,

Uime sin is còir dhuinne a tha làidir giùlan le anfhainneachd na muinntir sin a tha lag, agus gun sinn fhèin a thoileachadh.

Om bheil an corp uile, air a cheangal gu ceart, agus air a dhlùthachadh tre an nì sin a tha gach alt a’ toirt uaithe, a rèir obrachaidh èifeachdaich ann an tomhas gach buill, a’ faghail fàs cuirp, a‑chum a thogail fhèin suas ann an gràdh.

Agus gun an Ceann a chumail, om bheil an corp uile, air dha a bhith air a bheathachadh tre uilt agus bhannan, agus air a dhlùth-cheangal ri chèile, a’ fàs le fàs Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan