Agus nì thu na bùird airson a’ phàillein, fichead bòrd air an taobh deas, ris an àird a deas.
Ciod air a bheil a bhunaitean air an daingneachadh, no cò a leag a chlach-oisinn,
Agus nì thu bùird airson a’ phàillein de fhiodh sitim, nan seasamh:
Bidh dà làimh aig aon bhòrd, air an cur an òrdagh fa chomhair a chèile; mar seo nì thu do uile bhùird a’ phàillein.
Agus nì thu dà‑fhichead cas airgid fon fhichead bòrd: dà chois fo aon bhòrd a rèir a dhà làimh, agus dà chois fo bhòrd eile a rèir a dhà làimh.