Agus làmh-choille air an taobh seo, agus làmh-choille air an taobh eile de na dh’fhàgadh air am fad de chùirteanan a’ bhùtha, crochar e thar taobhan a’ phàillein, air an taobh seo, agus air an taobh eile, ga chòmhdachadh.
Agus gach fear aig an d’fhuaireadh gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn, agus fionnadh ghobhar, agus craicnean dearga reitheachan, agus craicnean bhroc, thug iad leo iad.
Oir bha thu ad neart don bhochd, ad neart don fheumach na airc; ad dhìdean on doininn, ad sgàil on teas; nuair a bha gaoth nan uamhasach mar dhoininn a’ sèideadh ris a’ bhalla.
Sgeadaich mi thu fòs le obair-ghrèise, agus chuir mi brògan de chraiceann bruic ort, agus chrioslaich mi mun cuairt thu le anart grinn, agus chòmhdaich mi thu le sìoda.
Agus giùlainidh iad cùirteanan a’ phàillein, agus pàillean a’ choitheanail, a chòmhdach, agus an còmhdach de chraicnean bhroc, a tha shuas thairis air, agus brat doras pàillean a’ choitheanail.
Agus nuair a bhios an camp gu dol air aghaidh, thig Aaron agus a mhic, agus bheir iad a‑nuas brat a’ chòmhdaich, agus còmhdaichidh iad àirc na Fianais leis;