Agus am fuidheall a dh’fhàgar de chùirteanan a’ bhùtha, leth a’ chùirtein a dh’fhàgar, crochar e thar taobh-cùil a’ phàillein.
Agus nì thu lethcheud cromag de umha, agus cuiridh tu na cromagan anns na lùban, agus cuiridh tu am bùth ri chèile, air chor is gum bi e na aon.
Agus làmh-choille air an taobh seo, agus làmh-choille air an taobh eile de na dh’fhàgadh air am fad de chùirteanan a’ bhùtha, crochar e thar taobhan a’ phàillein, air an taobh seo, agus air an taobh eile, ga chòmhdachadh.
Agus nì thu cùirteanan de fhionnadh ghobhar gu bhith nan còmhdach air a’ phàillean: aon-chùirtean-deug nì thu dhiubh.