Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 26:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì thu lethcheud cromag de umha, agus cuiridh tu na cromagan anns na lùban, agus cuiridh tu am bùth ri chèile, air chor is gum bi e na aon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus nì thu lethcheud lùb air oir an aon chùirtein as fhaide a‑mach anns a’ choicheangal, agus lethcheud lùb air oir a’ chùirtein a tha a’ coicheangal an dara aoin.

Agus am fuidheall a dh’fhàgar de chùirteanan a’ bhùtha, leth a’ chùirtein a dh’fhàgar, crochar e thar taobh-cùil a’ phàillein.

Bidh còig cùirteanan air an ceangal gach aon ri chèile; agus na còig cùirteanan eile air an ceangal gach aon ri chèile.

Agus nì thu lethcheud cromag òir, agus ceanglaidh tu na cùirteanan ri chèile leis na cromagan: agus bidh e na aon phàillean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan