Agus nì thu lethcheud lùb air oir an aon chùirtein as fhaide a‑mach anns a’ choicheangal, agus lethcheud lùb air oir a’ chùirtein a tha a’ coicheangal an dara aoin.
Agus nì thu lùban de ghorm air oir aon chùirtein, on iomall anns a’ choicheangal: agus, air a’ mhodh cheudna, nì thu ann an oir a’ chùirtein as fhaide a‑mach, ann an coicheangal an dara aoin.
Agus cuiridh tu ri chèile còig cùirteanan leo fhèin, agus sia cùirteanan leo fhèin, agus dùblaichidh tu an siathamh cùirtean air taobh-beòil a’ bhùtha.
Lethcheud lùb rinn e ann an aon chùirtean, agus lethcheud lùb rinn e ann an iomall a’ chùirtein a bha ann an coicheangal an dara aoin; cheangail na lùban aon chùirtean ri cùirtean eile.