Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 26:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì thu am pàillean le deich cùirteanan de anart grinn toinnte, agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid: maille ri ceruban de obair ealanta nì thu iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Thubhairt an rìgh ri Nàtan am fàidh, Feuch a‑nis, tha mise am chòmhnaidh ann an taigh seudair, ach tha àirc Dhè na còmhnaidh an taobh a‑staigh de chùirteanan.

Agus bhreac e ballachan an taighe uile mun cuairt le dealbhan geàrrte cheruban, agus chraobhan-pailme, agus bhlàthan fosgailte, a‑staigh agus a‑muigh.

A‑nis nuair a bha Daibhidh na shuidhe na thaigh, thubhairt Daibhidh ri Nàtan am fàidh, Feuch, tha mise am chòmhnaidh ann an taigh seudair, ach tha àirc coicheangal an Tighearna fo chùirteanan.

Oir bha pàillean an Tighearna a rinn Maois anns an fhàsach, agus altair na h‑ìobairt-loisgte, anns an àm sin anns an àit àrd ann an Gibeon.

Agus nì thu dà cherub òir: de obair bhuailte nì thu iad, aig dà cheann na cathair-thròcair.

Agus gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn, agus fionnadh ghobhar,

Agus nì iad dhomh ionad naomh, agus gabhaidh mise còmhnaidh nam measg.

Fad aon chùirtein ochd làmhan-coille ar fhichead, agus leud aon chùirtein, ceithir làmhan-coille: an aon tomhas do na cùirteanan uile.

Agus nì thu brat de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte: de obair ealanta nìthear e, le ceruban.

Agus nì thu còmhdach airson doras a’ bhùtha, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, obraichte le obair ghrèise.

Pàillean a’ choitheanail, agus àirc na Fianais, agus a’ chathair-thròcair a tha oirre, agus uile uidheam a’ phàillein,

Am pàillean, a bhùth, agus a chòmhdach, a chromagan, agus a bhùird, a chroinn, a phuist, agus a bhuinn;

Lìon e iadsan le gliocas cridhe, a dh’obrachadh gach gnè obrach, obraichean a’ ghearradair, agus an obraiche ealanta, agus an obraiche le snàthaid ann an gorm, agus ann an corcar, ann an sgàrlaid, agus ann an anart grinn, agus an fhigheadair, a nì obair sam bith, agus a dhealbhas obair ealanta.

Agus gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn, agus fionnadh ghobhar,

Agus rinn e roinn-bhrat de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte: de obair ealanta rinn e e, le ceruban.

Agus bhuail iad a‑mach an t‑òr na leacan tana, agus gheàrr iad e na shnàithnean, a‑chum a obrachadh am measg a’ ghuirm, agus am measg a’ chorcair, agus am measg na sgàrlaid, agus am measg an anairt ghrinn le obair ealanta.

Air a’ chiad là den chiad mhìos cuiridh tu suas pàillean bùth a’ choitheanail.

Agus air cùram mic Ghersoin, ann am pàillean a’ choitheanail, bidh am pàillean, agus am bùth, a chòmhdach, agus am brat airson doras pàillean a’ choitheanail,

Agus giùlainidh iad cùirteanan a’ phàillein, agus pàillean a’ choitheanail, a chòmhdach, agus an còmhdach de chraicnean bhroc, a tha shuas thairis air, agus brat doras pàillean a’ choitheanail.

Agus rinneadh am Facal na fheòil, agus ghabh e còmhnaidh nar measg-ne (agus chunnaic sinn a ghlòir, mar ghlòir aon-ghin Mhic an Athar), làn gràis agus fìrinn.

Ach labhair esan mu theampall a chuirp.

Ministear an ionaid naoimh, agus an fhìor phàillein, a shuidhich an Tighearna, agus cha b’e duine.

Oir dheasaicheadh an ciad phàillean, anns an robh an coinnleir, agus am bòrd, agus aran na fianais, ris an abrar an t‑ionad naomh.

Nì a bha na shamhladh don aimsir a tha an làthair, anns an robh araon tìodhlacan agus ìobairtean air an toirt suas, nach robh comasach air an tì a bha a’ dèanamh na seirbhis sin a dhèanamh coileanta, a‑thaobh a chogais,

Agus thugadh dhi gum biodh i air a sgeadachadh le lìon-aodach grinn, glan agus dealrach: oir is e an lìon-aodach grinn fìreantachd nan naomh.

Agus chuala mi guth mòr à nèamh ag ràdh, Feuch, tha pàillean Dhè maille ri daoine, agus nì esan còmhnaidh maille riu, agus bidh iadsan nan sluagh dha, agus bidh Dia fhèin maille riu, agus na Dhia dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan