Mar sin chrìochnaicheadh uile obair pàillean bùth a’ choitheanail: agus rinn clann Israeil a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; mar sin rinn iad.
Agus gabhaidh iad na h‑innealan-frithealaidh uile leis am fritheil iad anns an ionad naomh, agus cuiridh iad ann an aodach de ghorm iad, agus còmhdaichidh iad le còmhdach de chraicnean bhroc iad, agus cuiridh iad air lunn iad.
Agus b’e seo obair a’ choinnleir: bha e de òr buailte gu ruig a chas, gu ruig a bhlàthan bha e de obair bhuailte: a rèir an t‑samhlaidh a nochd an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn e an coinnleir.
Bha pàillean na fianais aig ar n‑athraichean anns an fhàsach, a rèir mar a dh’àithn an tì a labhair ri Maois gun dèanadh e e a rèir an t‑samhlaidh a chunnaic e.
Muinntir a tha a’ dèanamh seirbhis le samhladh agus sgàil nan nithean nèamhaidh, a rèir mar a dh’òrdaicheadh do Mhaois le Dia nuair a bha e air tì am pàillean a chur suas. Oir feuch (tha e ag ràdh) gun dèan thu na h‑uile nithean a rèir an t‑saimpleir a nochdadh dhut anns an t‑sliabh.
Nì a bha na shamhladh don aimsir a tha an làthair, anns an robh araon tìodhlacan agus ìobairtean air an toirt suas, nach robh comasach air an tì a bha a’ dèanamh na seirbhis sin a dhèanamh coileanta, a‑thaobh a chogais,