Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 25:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì iad dhomh ionad naomh, agus gabhaidh mise còmhnaidh nam measg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Agus gabhaidh mi còmhnaidh am meadhon chloinn Israeil, agus cha trèig mi mo shluagh Israel.

A‑nis uime sin socraichibh ur cridhe agus ur n‑anam a dh’iarraidh an Tighearna ur Dia: èiribh-se agus togaibh ionad naomh an Tighearna Dia, a‑chum gun toir sibh a‑steach àirc coicheangal an Tighearna, agus soithichean naomha Dhè, don taigh a tha ra thogail do ainm an Tighearna.

Bheir thu a‑steach iad, agus suidhichidh tu iad ann an sliabh d’oighreachd, anns an àit a rinn thu dhut fhèin, a Thighearna, a‑chum còmhnaidh a ghabhail ann, anns an ionad naomh, a Thighearna, a dhaingnich do làmhan-sa.

Is e an Tighearna mo neart agus mo dhàn, agus tha e na shlàinte dhomh: is esan mo Dhia-sa, agus nì mi àite-còmhnaidh dha: Dia m’athar, agus àrdaichidh mi e.

Agus gabhaidh mi còmhnaidh am measg chloinn Israeil, agus bidh mi am Dhia aca.

Agus bidh fhios aca gur mise an Tighearna an Dia, a thug a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit, a‑chum is gun gabh mi còmhnaidh nam measg: Is mise an Tighearna an Dia.

Eigh gu h‑àrd, agus dèan iolach, a bhean-àiteachaidh Shioin; oir is mòr ann ad mheadhon Tì naomh Israeil.

A thuilleadh air seo nì mise coicheangal sìthe riu; bidh e na choicheangal sìorraidh riu, agus suidhichidh mi iad, agus nì mi lìonmhor iad, agus cuiridh mi mo naomh-ionad nam meadhon gu bràth.

Agus aithnichidh na cinnich gur mise Iehòbhah a naomhaicheas Israel, nuair a bhios mo naomh-ionad nam meadhon gu sìorraidh.

Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, tha thu a’ faicinn àite mo rìgh-chathrach, agus ionad buinn mo chas, far an gabh mi còmhnaidh ann am meadhon cloinn Israeil gu sìorraidh, agus m’ainm naomh-sa cha truaill taigh Israeil nas mò, iad fhèin no an rìghrean, len strìopachas, no le cairbhean an rìghrean nan ionadan àrda.

Agus ghairm Maois air Misael agus air Elsaphan, mic Udsieil, bràthair-athar Aaroin, agus thubhairt e riu, Thigibh am fagas, giùlainibh ur bràithrean o fhianais an ionaid naoimh a‑mach as a’ champ.

Agus as an ionad naomh cha tèid e a‑mach, cha mhò a thruailleas e ionad naomh a Dhè; oir tha crùn ola-ungaidh a Dhè air: Is mise an Tighearna.

Agus suidhichidh mi mo phàillean nur measg: agus cha bhi gràin aig m’anam dhibh.

Agus tumaidh an sagart a mheur anns an fhuil, agus crathaidh e cuid den fhuil seachd uairean an làthair an Tighearna, fa chomhair roinn-bhrat an ionaid naoimh.

Seinn, agus dèan gàirdeachas, O nighean Shioin; oir feuch, tha mise a’ teachd, agus gabhaidh mi còmhnaidh ann ad mheadhon, deir an Tighearna.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thill mise gu Sion, agus gabhaidh mi còmhnaidh ann an Ierusalem; agus goirear ri Ierusalem, Baile fìrinn, agus ri sliabh Tighearna nan sluagh, Sliabh naomh.

Araon fireannach agus boireannach cuiridh sibh a‑mach, an taobh a‑muigh den champ cuiridh sibh iad; a‑chum is nach truaill iad an campannan, anns a bheil mise a’ gabhail còmhnaidh.

Bha pàillean na fianais aig ar n‑athraichean anns an fhàsach, a rèir mar a dh’àithn an tì a labhair ri Maois gun dèanadh e e a rèir an t‑samhlaidh a chunnaic e.

Agus ciod a’ cho-rèite a tha aig teampall Dhè ri iodhalan? Oir is sibhse teampall an Dè bheò; a rèir mar a thubhairt Dia, Gabhaidh mise còmhnaidh annta, agus gluaisidh mi nam measg; agus bidh mise am Dhia acasan, agus bidh iadsan nan sluagh agamsa.

An sin bidh àit ann a thaghas an Tighearna ur Dia, a thoirt air a ainm còmhnaidh a ghabhail ann: gu sin bheir sibh na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhuibh; ur tabhartasan-loisgte, agus ur n‑ìobairtean, ur deicheamh, agus tabhartasan-togte ur làimhe, agus taghadh ur bòidean uile a bhòidicheas sibh don Tighearna.

Ach Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe fhèin: agus is sinne a thaigh-san, ma chumas sinn dànachd, agus gàirdeachas an dòchais, gu daingeann gus a’ chrìoch.

Agus thubhairt Phinehas mac Eleàsair an sagart ri cloinn Reubein, agus ri cloinn Ghad, agus ri cloinn Mhanaseh, An‑diugh tha fhios againn gu bheil an Tighearna nar measg, a chionn nach do rinn sibh an cionta seo an aghaidh an Tighearna: a‑nis shaor sibh clann Israeil à làimh an Tighearna.

Agus chuala mi guth mòr à nèamh ag ràdh, Feuch, tha pàillean Dhè maille ri daoine, agus nì esan còmhnaidh maille riu, agus bidh iadsan nan sluagh dha, agus bidh Dia fhèin maille riu, agus na Dhia dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan