An sin thug Daibhidh do Sholamh a mhac samhladh an sgàth-thaighe, agus a thaighean, agus a ionadan-ionmhais, agus a sheòmraichean uachdarach, agus a sheòmraichean an leth a‑staigh, agus àite na cathair-thròcair.
Agus ghairm Maois air Besalil, agus Aholiab, agus air gach duine glic-chridheach, don tug an Tighearna gliocas na chridhe, eadhon gach aon a dhùisg a chridhe suas, gu teachd a‑chum na h‑obrach gu a dèanamh.
Agus b’e seo obair a’ choinnleir: bha e de òr buailte gu ruig a chas, gu ruig a bhlàthan bha e de obair bhuailte: a rèir an t‑samhlaidh a nochd an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn e an coinnleir.
Bha pàillean na fianais aig ar n‑athraichean anns an fhàsach, a rèir mar a dh’àithn an tì a labhair ri Maois gun dèanadh e e a rèir an t‑samhlaidh a chunnaic e.
Muinntir a tha a’ dèanamh seirbhis le samhladh agus sgàil nan nithean nèamhaidh, a rèir mar a dh’òrdaicheadh do Mhaois le Dia nuair a bha e air tì am pàillean a chur suas. Oir feuch (tha e ag ràdh) gun dèan thu na h‑uile nithean a rèir an t‑saimpleir a nochdadh dhut anns an t‑sliabh.
Uime sin thubhairt sinn, gun tachair e, nuair a their iad seo rinne, no ri ar sliochd anns an àm ri teachd, gum bi againn ri ràdh a‑rìs, Faicibh samhladh altair an Tighearna, a rinn ar n‑athraichean, chan ann airson thabhartas-loisgte, no airson ìobairtean; ach is fianais i eadar sinne agus sibhse.