Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 25:36

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bidh na cnapan agus am meòir den obair cheudna: bidh e uile na aon obair bhuailte de òr fìorghlan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus rinn rìgh Solamh dà cheud sgiath de òr buailte; chaidh sia ceud secel de òr buailte a‑chum gach sgèithe.

Agus nì thu dà cherub òir: de obair bhuailte nì thu iad, aig dà cheann na cathair-thròcair.

Agus nì thu coinnleir de òr fìorghlan, de obair bhuailte nìthear an coinnleir. Bidh a chas, agus a mheòir, a chupain, a chnapan, agus a bhlàthan, den obair cheudna.

Bha an cnapan agus am meòir den nì cheudna: b’aon obair bhuailte de òr fìorghlan an t‑iomlan dheth.

Agus b’e seo obair a’ choinnleir: bha e de òr buailte gu ruig a chas, gu ruig a bhlàthan bha e de obair bhuailte: a rèir an t‑samhlaidh a nochd an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn e an coinnleir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan