Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 25:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Trì cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean ann an aon mheur, maille ri cnap agus blàth; agus trì cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean anns a’ mheur eile, maille ri cnap agus blàth; mar sin anns na sia meòir a thig a‑mach as a’ choinnleir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus bidh cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth; mar sin do na sia meòir a thig a‑mach as a’ choinnleir.

Agus cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth, a rèir nan sia meur a’ dol a‑mach as.

Agus dà chrann-ola làimh ris, aon air taobh deas a’ chupain, agus aon air a thaobh clì.

Agus cha las daoine coinneal a‑chum gun cuir iad i fo shoitheach, ach ann an coinnleir, agus nì i solas do na bheil a‑staigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan