Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 25:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cuiridh tu air a’ bhòrd aran taisbeanta romhamsa an còmhnaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Solamh an t‑uidheam uile a bhuineadh do thaigh an Tighearna: an altair de òr, agus am bòrd, air an robh aran na fianais, de òr:

Araon fa chomhair an arain thaisbeanta, agus fa chomhair na mine mìne a‑chum tabhartais-bìdh, agus fa chomhair nam breacagan neo-ghortaichte, agus fa chomhair nan nithean a dheasaichear anns an aghann agus a ròistear, agus fa chomhair gach uile ghnè tomhais agus meud;

Agus bha cuid eile dem bràithrean, de mhic nan Cohatach, os cionn aran na fianais, gu a dheasachadh gach sàbaid.

Agus tha iad a’ losgadh don Tighearna ìobairtean-loisgte air gach madainn agus air gach feasgar, agus tùis chùbhraidh; agus tha aran na fianais air a’ bhòrd fhìorghlan, agus an coinnleir òir maille ra lòchrain a’ lasadh air gach feasgar: oir tha sinne a’ gleidheadh cùram an Tighearna ar Dia; ach thrèig sibhse e.

Agus chuir Solamh teachdaire gu Huram rìgh Thìruis, ag ràdh, Mar a rinn thu ri Daibhidh m’athair, agus a chuir thu da ionnsaigh craobhan seudair a thogail taighe dha gu còmhnaidh a ghabhail ann, dèan riumsa:

Feuch, tha mi gu taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, a‑chum a choisrigeadh dha, gu tùis chùbhraidh a losgadh na fhianais, agus airson an arain thaisbeanta bhith-bhuain, agus airson ìobairtean-loisgte air madainn agus air feasgar, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nodha, agus air àrd-fhèillean an Tighearna ar Dia: gu bràth tha seo ceangailte air Israel.

Am bòrd agus a bhataichean, agus a shoithichean uile, agus an t‑aran taisbeanta;

Am bòrd agus a shoithichean uile, agus an t‑aran taisbeanta;

Agus chuir e an t‑aran ann an òrdagh air, ann an làthair an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus bheir thu a‑steach am bòrd, agus cuiridh tu an òrdagh na nithean a tha gu bhith air an cur an òrdagh air; agus bheir thu a‑steach an coinnleir, agus lasaidh tu a lòchrain.

Bha an altair fhiodha trì làmhan-coille air àirde, agus dà làmh-choille air fad; air a dèanamh ceàrnach le oisnean agus clàran fiodha: agus thubhairt e rium, Seo am bòrd a tha fa chomhair an Tighearna.

Ach thruaill sibhse e, le sibh a bhith ag ràdh, Tha bòrd an Tighearna truaillte; agus an tabhartas air, eadhon a bhiadh, tha e suarach.

Tha sibh a’ toirt seachad arain thruaillte air m’altair; agus tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do rinn sinne do thruailleadh? Le sibh a bhith ag ràdh, Tha bòrd an Tighearna suarach.

Agus air bòrd aran na Fianais sgaoilidh iad aodach de ghorm, agus cuiridh iad air na miasan, agus na tùiseirean, agus na cupain, agus na cuachan leis an toirear seachad tabhartas-dibhe: agus bidh an t‑aran an còmhnaidh air.

Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè, agus a dh’ith e aran na fianais, nach robh ceadaichte dha fhèin ithe, no dhaibhsan a bha maille ris, ach do na sagartan a‑mhàin?

Oir dheasaicheadh an ciad phàillean, anns an robh an coinnleir, agus am bòrd, agus aran na fianais, ris an abrar an t‑ionad naomh.

Agus fhreagair an sagart Daibhidh, agus thubhairt e, Chan eil aran coitcheann sam bith fom làimh, ach tha aran coisrigte ann; ma ghlèidh na h‑òganaich iad fhèin air bheag sam bith o mhnathan.

Agus fhreagair Daibhidh an sagart, agus thubhairt e ris, Gu deimhinn chumadh mnathan uainne na trì làithean seo, o thàinig mise a‑mach, agus tha soithichean nan òganach naomh; agus tha an t‑aran coitcheann air chor, eadhon ged naomhaicheadh e an‑diugh anns an t‑soitheach.

Uime sin thug an sagart dha aran naomh; oir cha robh aran sam bith an sin ach aran na fianais, a thugadh à fianais an Tighearna, gu aran teth a chur sìos anns an là anns an tugadh air falbh e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan