Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 25:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì thu a mhiasan, agus a thùiseirean, agus a chuachan, agus a chupain, leis an toirear seachad ìobairt-dibhe; de òr fìorghlan nì thu iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus na cuachan, agus na smàladairean, agus na cupain, agus na spàinean, agus na tùiseirean, de òr fìorghlan: agus na lùdagain de òr, an dà chuid do dhorsan an taighe a‑staigh, eadhon an t‑ionad ro‑naomh, agus do dhorsan an taighe, eadhon an teampall.

Agus na smàladairean; agus na cuachan, agus na spàinean, agus na tùiseirean, de òr fìorghlan;

Agus nì thu na bataichean de fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le òr; giùlainear am bòrd leo.

Agus rinn e na soithichean a bha air a’ bhòrd, a mhiasan, agus a thùiseirean, agus a chupain, agus a chuachan leis an toirear seachad tabhartas-dibhe, de òr fìorghlan.

Tha mi air teachd dom lios, a phiuthar, a chèile; thionail mi mo mhirr maille rim spìosraidh; dh’ith mi mo chìr-mheala maille rim mhil; dh’òl mi m’fhìon maille rim bhainne. Ithibh, a chàirdean, òlaibh, seadh, òlaibh gu pailt, a luchd mo ghràidh.

Agus air bòrd aran na Fianais sgaoilidh iad aodach de ghorm, agus cuiridh iad air na miasan, agus na tùiseirean, agus na cupain, agus na cuachan leis an toirear seachad tabhartas-dibhe: agus bidh an t‑aran an còmhnaidh air.

Agus b’e a thabhartas aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:

Thug e seachad mar a thabhartas aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:

B’e seo coisrigeadh na h‑altarach (anns an là anns an d’ungadh i) le ceannardan Israeil: dà‑mhias-dheug airgid, dà‑chuaich-dheug airgid, dà‑spàin-dheug òir:

Feuch, tha mi am sheasamh aig an doras, agus a’ bualadh: ma dh’èisdeas neach sam bith rim ghuth, agus gum fosgail e an doras, thig mi a‑steach da ionnsaigh, agus gabhaidh mi mo shuipear maille ris, agus esan maille riumsa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan