Agus nì thu dha ceithir failbheagan òir, agus cuiridh tu na failbheagan air na ceithir oisnean a tha aig a cheithir chasan.
Agus nì thu air a son ceithir failbheagan òir, agus cuiridh tu iad air a ceithir oisnean; agus bidh dà fhailbheig air aon taobh dhith, agus dà fhailbheig air an taobh eile dhith.
Agus nì thu dha iomall de leud boise mun cuairt, agus nì thu coron òir da iomall mun cuairt.
Fa chomhair an iomaill bidh na failbheagan, a‑chum àitean do na bataichean, gus am bòrd a ghiùlan.