Agus na coinnleirean, còig air an làimh dheis, agus còig air an làimh chlì, air beulaibh a’ ghuth-àite, de òr fìorghlan; agus na blàthan, agus na lòchrain, agus na clobhachan, de òr:
Bha an altair fhiodha trì làmhan-coille air àirde, agus dà làmh-choille air fad; air a dèanamh ceàrnach le oisnean agus clàran fiodha: agus thubhairt e rium, Seo am bòrd a tha fa chomhair an Tighearna.
Agus air an cùram-san bidh an àirc, agus am bòrd, agus an coinnleir, agus na h‑altairean, agus soithichean an ionaid naoimh, leis am fritheil iad, agus am brat, agus a sheirbhis uile.