Ecsodus 25:22Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus coinnichidh mise thu an sin, agus labhraidh mi riut o uachdar na cathair-thròcair, o eadar an dà cherub a tha air àirc na Fianais, a‑thaobh gach nì a dh’àithneas mi dhut do chloinn Israeil. Faic an caibideil |
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Labhair ri Aaron do bhràthair, a‑chum nach tèid e anns gach àm a‑steach don ionad naomh an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, an làthair na cathair-thròcair, a tha air an àirc, a‑chum nach bàsaich e: oir foillsichidh mise mi fhèin ann an neul air a’ chathair-thròcair.