Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 25:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cuiridh tu a’ chathair-thròcair suas air an àirc, agus anns an àirc cuiridh tu an Fhianais a bheir mise dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Cha robh nì air bith anns an àirc ach an dà chlàr chloiche, a chuir Maois an sin ann an Hòreb, nuair a rinn an Tighearna coicheangal ri cloinn Israeil, aig teachd a‑mach dhaibh à tìr na h‑Eiphit.

Agus thug iad a‑mach mac an rìgh, agus chuir iad an crùn air, agus thug iad dha an fhianais, agus rinn iad na rìgh e: agus dh’ung Iehoiada agus a mhic e, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh.

Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin thaisg Aaron e an làthair na Fianais, gu bhith air a ghleidheadh.

Agus cuiridh tu a’ chathair-thròcair air àirc na Fianais, anns an ionad ro‑naomh.

Agus cuiridh tu i fa chomhair an roinn-bhrat, a tha làimh ri àirc na Fianais; air beulaibh na cathair-thròcair, a tha os cionn na Fianais, far an coinnich mise thu.

Agus ghabh e agus chuir e an Fhianais anns an àirc, agus chuir e na bataichean air an àirc, agus chuir e a’ chathair-thròcair air an àirc os a cionn.

Agus cuiridh e an tùis air an teine an làthair an Tighearna, a‑chum gun còmhdaich neul na tùise a’ chathair-thròcair, a tha air an Fhianais, agus nach faigh e bàs.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Labhair ri Aaron do bhràthair, a‑chum nach tèid e anns gach àm a‑steach don ionad naomh an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, an làthair na cathair-thròcair, a tha air an àirc, a‑chum nach bàsaich e: oir foillsichidh mise mi fhèin ann an neul air a’ chathair-thròcair.

Agus cuiridh tu suas iad ann am pàillean a’ choitheanail, an làthair na Fianais, far an coinnich mise thu.

Agus nuair a chaidh Maois a‑steach do phàillean a’ choitheanail, a labhairt ris, an sin chuala e guth aoin a’ labhairt ris o uachdar na cathair-thròcair a bha os cionn àirc na Fianais, o eadar an dà cherub; agus labhair e ris.

Oir is e Crìosd crìoch an lagha a‑chum fìreantachd do gach neach a chreideas.

Agus thill mise, agus thàinig mi a‑nuas on t‑sliabh, agus chuir mi na clàir anns an àirc a rinn mi, agus an sin tha iad, mar a dh’àithn an Tighearna dhomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan