Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 25:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh na ceruban a’ sìneadh a‑mach an sgiathan gu h‑àrd, a’ còmhdachadh na cathair-thròcair len sgiathan, agus an aghaidhean ri chèile: ris a’ chathair-thròcair bidh aghaidhean nan cerub.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus bhruadair e; agus, feuch, fàradh air a chur suas air an talamh, agus a bhàrr a’ ruigheachd gu nèamh: agus, feuch, ainglean Dhè a’ dol suas agus a’ teachd a‑nuas air.

Agus rinn e anns a’ ghuth-àit dà cherub de chrann-ola, gach aon dhiubh deich làmhan-coille air àirde.

Agus chuir e na ceruban anns an taigh a b’fhaide a‑staigh; agus shìn na ceruban an sgiathan a‑mach, air chor is gun do bhean sgiath aon cheruib ri aon bhalla, agus sgiath a’ cheruib eile ris a’ bhalla eile; agus bhean an sgiathan ri chèile ann am meadhon an taighe.

Oir sgaoil na ceruban a‑mach an sgiathan os cionn àite na h‑àirce, agus chòmhdaich na ceruban an àirc, agus a lunnan gu h‑àrd.

Agus a‑chum altair na tùise òr fìorghlan air chudthrom; agus òr fa chomhair samhladh carbad nan cerub, a sgaoil a‑mach an sgiathan, agus a chòmhdaich àirc coicheangal an Tighearna.

Agus anns an taigh as ro‑naoimhe rinn e dà cherub de obair sho-ghluaiste, agus chòmhdaich e thairis le òr iad.

Agus nì thu dà cherub òir: de obair bhuailte nì thu iad, aig dà cheann na cathair-thròcair.

Agus nì thu aon cherub aig aon cheann, agus cerub eile aig a’ cheann eile den chathair-thròcair: nì sibh na ceruban aig a dà cheann.

Càit air bith a bha an spiorad air tì dol, dh’imich iadsan an taobh a bha an spiorad air tì dol, agus thogadh suas na rothan fan comhair; oir bha spiorad a’ bheò-chreutair anns na rothan.

Is tu an cerub ungte a chòmhdaicheas; agus shuidhich mise thu; bha thu air sliabh naomh Dhè; shiubhail thu ann am meadhon nan clach dealrach.

Agus cuiridh e a‑mach aingeal le fuaim mhòir na gall-truimp, agus cruinnichidh iad a shluagh taghte o na ceithir gaothan, o leth-iomall nèimh gus an leth-iomall eile.

Agus thubhairt e ris, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, na dhèidh seo chì sibh nèamh fosgailte, agus aingil Dhè a’ dol suas agus a’ teachd a‑nuas air Mac an Duine.

Uime sin is còir don mhnaoi cumhachd a bhith aice air a ceann, airson nan aingeal.

Oir is i mo bharail gun do chuir Dia sinne, na h‑abstoil, a‑mach mu dheireadh, mar dhream a tha air an òrdachadh a‑chum bàis. Oir rinneadh sinn nar ball-amhairc don t‑saoghal, agus do ainglean, agus do dhaoine.

A‑chum gun dèante aithnichte a‑nis do na h‑uachdaranachdan, agus do na cumhachdan ann an ionadan nèamhaidh, leis an eaglais, gliocas eugsamhail Dhè.

Agus tha sibhse coileanta annsan, neach as e ceann gach uile uachdaranachd agus chumhachd;

Nach spioradan-frithealaidh iad uile, air an cur a‑mach a‑chum frithealaidh dhaibhsan a bhios nan oighreachan air slàinte?

Agus os a cionn, ceruban na glòire, a’ cur sgàile air cathair na tròcair; mu nach urrainn sinn a‑nis labhairt fa leth.

Muinntir don d’fhoillsicheadh nach b’ann dhaibh fhèin, ach dhuinne, a fhritheil iad na nithean a tha a‑nis air an cur an cèill dhuibh leòsan a shearmonaich an soisgeul dhuibh leis an Spiorad Naomh a chuireadh a‑nuas o nèamh; nithean air am miann leis na h‑ainglean beachdachadh.

Neach air dha dol do nèamh, a tha air deaslàimh Dhè, air do ainglean, agus do uachdaranachdan, agus do chumhachdan a bhith air an cur fo a cheannsal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan