Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 25:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Labhair ri cloinn Israeil, gun toir iad am ionnsaigh tabhartas: o gach duine a bheir seachad gu toileach e le a chridhe gabhaidh sibh mo thabhartas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus neartaich iadsan uile a bha mun cuairt dhaibh an làmhan le soithichean airgid, le òr, le maoin, agus le ainmhidhean, agus le nithean luachmhor, a thuilleadh air gach nì a thugadh seachad le saor-thoil.

Agus thug cuid de chinn nan athraichean, nuair a thàinig iad do thaigh an Tighearna a tha ann an Ierusalem, seachad den saor-thoil airson taigh Dhè, a‑chum a chur suas na àite fhèin.

Agus na dhèidh sin an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, araon air na gealaichean nodha, agus air uile fhèillean naomhaichte an Tighearna, agus o gach neach a thug seachad gu toileach tabhartas saor-thoile don Tighearna.

Agus an airgid agus an òir uile a gheibh thu ann an uile mhòr-roinn Bhàbiloin, maille ri tabhartas saor-thoil an t‑sluaigh agus nan sagart, a’ toirt seachad den saor-thoil airson taigh an Dè a tha ann an Ierusalem:

Agus bheannaich an sluagh na daoine uile a thairg iad fhèin gu toileach gu còmhnaidh a ghabhail ann an Ierusalem.

Bidh do shluagh ro‑thoileach ann an là do chumhachd; ann am maise na naomhachd, mar an drùchd o bholg na maidne, bidh d’òige agad.

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Agus is e seo an tabhartas a ghabhas sibh uapa; òr, agus airgead, agus umha,

Ach deicheamh chloinn Israeil a bheir iad seachad mar thabhartas-togte don Tighearna, thug mi do na Lèbhithich mar oighreachd: uime sin thubhairt mi riu, Am measg chloinn Israeil cha bhi oighreachd aca.

Thugadh gach duine seachad a rèir rùn a chridhe; na b’ann an doilgheas, no le èiginn: oir is toigh le Dia an neach a bheir seachad gu suilbhir.

Tha mo chridhe le uachdarain Israeil, a thairg iad fhèin gu toileach am measg an t‑sluaigh. Beannaichibh an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan