Agus nì thu aon cherub aig aon cheann, agus cerub eile aig a’ cheann eile den chathair-thròcair: nì sibh na ceruban aig a dà cheann.
Agus mharcaich e air cerub, agus chaidh e air iteig: agus dh’itealaich e air sgiathan na gaoithe.
Agus nì thu dà cherub òir: de obair bhuailte nì thu iad, aig dà cheann na cathair-thròcair.
Agus bidh na ceruban a’ sìneadh a‑mach an sgiathan gu h‑àrd, a’ còmhdachadh na cathair-thròcair len sgiathan, agus an aghaidhean ri chèile: ris a’ chathair-thròcair bidh aghaidhean nan cerub.