Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 25:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì thu dà cherub òir: de obair bhuailte nì thu iad, aig dà cheann na cathair-thròcair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhògair e a‑mach an duine; agus shuidhich e anns an taobh an ear de ghàrradh Edein ceruban, agus claidheamh lasrach a bha a’ tionndadh air gach làimh, a ghleidheadh slighe craobh na beatha.

Agus a‑chum altair na tùise òr fìorghlan air chudthrom; agus òr fa chomhair samhladh carbad nan cerub, a sgaoil a‑mach an sgiathan, agus a chòmhdaich àirc coicheangal an Tighearna.

Agus anns an taigh as ro‑naoimhe rinn e dà cherub de obair sho-ghluaiste, agus chòmhdaich e thairis le òr iad.

Agus nì thu cathair-thròcair de òr fìorghlan; dà làmh-choille gu leth a fad, agus làmh-choille gu leth a leud.

Agus nì thu aon cherub aig aon cheann, agus cerub eile aig a’ cheann eile den chathair-thròcair: nì sibh na ceruban aig a dà cheann.

Bidh na cnapan agus am meòir den obair cheudna: bidh e uile na aon obair bhuailte de òr fìorghlan.

Agus labhair e ris an duine a bha sgeadaichte leis an lìon-aodach, agus thubhairt e, Imich a‑steach eadar na rothan, fon cherub, agus lìon do làmh le èibhlean teine eadar na ceruban, agus sgap iad thar a’ bhaile. Agus chaidh e a‑steach ann am shealladh.

Seo am beò-chreutair a chunnaic mi fo Dhia Israeil, làimh ri sruth Chebair; agus dh’aithnich mi gum bu cheruban iad.

A‑nis sheas na ceruban air taobh deas an taighe, nuair a chaidh an duine a‑steach; agus lìon an neul a’ chùirt a b’fhaide a‑staigh.

Agus os a cionn, ceruban na glòire, a’ cur sgàile air cathair na tròcair; mu nach urrainn sinn a‑nis labhairt fa leth.

Agus chuir an sluagh daoine gu Siloh, a‑chum gun tugadh iad à sin àirc coicheangal Tighearna nan sluagh, a tha a chòmhnaidh eadar na ceruban: agus bha dithis mhac Eli, Hophni agus Phinehas, an sin maille ri àirc coicheangal Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan