Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 25:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì thu cathair-thròcair de òr fìorghlan; dà làmh-choille gu leth a fad, agus làmh-choille gu leth a leud.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

An sin thug Daibhidh do Sholamh a mhac samhladh an sgàth-thaighe, agus a thaighean, agus a ionadan-ionmhais, agus a sheòmraichean uachdarach, agus a sheòmraichean an leth a‑staigh, agus àite na cathair-thròcair.

Agus nì thu dà cherub òir: de obair bhuailte nì thu iad, aig dà cheann na cathair-thròcair.

Agus cuiridh tu a’ chathair-thròcair air àirc na Fianais, anns an ionad ro‑naomh.

An àirc agus a bataichean, a’ chathair-thròcair agus roinn-bhrat a’ chòmhdaich;

Agus rinn e cathair-thròcair de òr fìorghlan: dà làimh-choille gu leth a fad, agus làmh-choille gu leth a leud.

Agus ghabh e agus chuir e an Fhianais anns an àirc, agus chuir e na bataichean air an àirc, agus chuir e a’ chathair-thròcair air an àirc os a cionn.

Is tu an cerub ungte a chòmhdaicheas; agus shuidhich mise thu; bha thu air sliabh naomh Dhè; shiubhail thu ann am meadhon nan clach dealrach.

Neach a shònraich Dia na ìobairt-rèitich, tre chreideamh na fhuil, a‑chum a fhìreantachd fhoillseachadh le maitheanas nam peacaidhean a chaidh seachad, tre fhad-fhulangas Dhè;

Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma.

Agus os a cionn, ceruban na glòire, a’ cur sgàile air cathair na tròcair; mu nach urrainn sinn a‑nis labhairt fa leth.

Agus is esan an ìobairt-rèitich airson ar peacaidhean, agus chan ann airson ar peacaidhean-ne a‑mhàin, ach mar an ceudna airson peacaidhean an t‑saoghail uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan