Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 25:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cuiridh tu anns an àirc an Fhianais a bheir mise dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Cha robh nì air bith anns an àirc ach an dà chlàr chloiche, a chuir Maois an sin ann an Hòreb, nuair a rinn an Tighearna coicheangal ri cloinn Israeil, aig teachd a‑mach dhaibh à tìr na h‑Eiphit.

Agus thug e a‑mach mac an rìgh, agus chuir e an crùn air, agus thug e dha an fhianais; agus rinn iad na rìgh e, agus dh’ung iad e, agus bhuail iad am basan, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh.

Agus thug iad a‑mach mac an rìgh, agus chuir iad an crùn air, agus thug iad dha an fhianais, agus rinn iad na rìgh e: agus dh’ung Iehoiada agus a mhic e, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh.

Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin thaisg Aaron e an làthair na Fianais, gu bhith air a ghleidheadh.

Agus cuiridh tu a’ chathair-thròcair suas air an àirc, agus anns an àirc cuiridh tu an Fhianais a bheir mise dhut.

Agus crochaidh tu suas am brat fo na cromagan, agus bheir thu a‑steach ann an sin àirc na Fianais, an taobh a‑staigh den bhrat: agus roinnidh am brat dhuibhse eadar an t‑ionad naomh agus an t‑ionad ro‑naomh.

Ann am bùth a’ choitheanail an taobh a‑muigh den bhrat, a tha fa chomhair na Fianais, òrdaichidh Aaron e, agus a mhic, o fheasgar gu madainn an làthair an Tighearna: bidh e na reachd sìorraidh dan ginealaichean, as leth chloinn Israeil.

Agus bruthaidh tu cuid dheth ro‑mhìn, agus cuiridh tu cuid dheth fa chomhair na Fianais ann am pàillean a’ choitheanail, far an coinnich mise thu: ro‑naomh bidh e dhuibh.

Agus cuiridh tu i fa chomhair an roinn-bhrat, a tha làimh ri àirc na Fianais; air beulaibh na cathair-thròcair, a tha os cionn na Fianais, far an coinnich mise thu.

Agus thug e do Mhaois, nuair a sguir e de labhairt ris air sliabh Shinài, dà chlàr na Fianais, clàir chloiche, sgrìobhte le meur Dhè.

Agus thionndaidh Maois, agus chaidh e sìos as an t‑sliabh, agus dà chlàr na Fianais na làimh; bha na clàir sgrìobhte air an dà thaobh; air an taobh seo, agus air an taobh ud eile bha iad sgrìobhte.

Agus nuair a thàinig Maois a‑nuas o shliabh Shinài, (le dà chlàr na Fianais ann an làimh Mhaois, nuair a thàinig e a‑nuas on t‑sliabh), cha robh fhios aig Maois gun do dhealraich craiceann a aghaidh, am feadh is a bha e a’ còmhradh ris.

Is e sin àireamh nithean a’ phàillein, pàillean na Fianais, mar a dh’àirmheadh iad, a rèir àithne Mhaois, airson seirbhis nan Lèbhitheach le làimh Itamair mhic Aaroin an sagart.

Agus ghabh e agus chuir e an Fhianais anns an àirc, agus chuir e na bataichean air an àirc, agus chuir e a’ chathair-thròcair air an àirc os a cionn.

Agus cuiridh tu suas iad ann am pàillean a’ choitheanail, an làthair na Fianais, far an coinnich mise thu.

Bha pàillean na fianais aig ar n‑athraichean anns an fhàsach, a rèir mar a dh’àithn an tì a labhair ri Maois gun dèanadh e e a rèir an t‑samhlaidh a chunnaic e.

Is mòr sin air gach dòigh: air tùs, do bhrìgh gur ann riùsan a dh’earbadh briathran Dhè.

Gabhaibh leabhar an lagha seo, agus cuiribh e aig taobh àirc coicheangal an Tighearna ur Dia, a‑chum gum bi e an sin mar fhianais ad aghaidh.

Anns an robh an tùiseir òir, agus àirc a’ choicheangail air a còmhdachadh mun cuairt le òr, anns an robh a’ phoit òir anns an robh am mana, agus slat Aaroin a bha fo bhlàth, agus clàir a’ choicheangail;

Aithn do na sagartan a tha a’ giùlan àirc na Fianais, iad a theachd a‑nìos à Iòrdan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan