Agus tharraing iad a‑mach na lunnan, air chor is gum faicte cinn nan lunn as an ionad naomh fa chomhair a’ ghuth-àite, ach chan fhaicte a‑muigh iad: agus tha iad an sin gus an là‑an‑diugh.
Agus nì thu air a son ceithir failbheagan òir, agus cuiridh tu iad air a ceithir oisnean; agus bidh dà fhailbheig air aon taobh dhith, agus dà fhailbheig air an taobh eile dhith.
Agus cuiridh iad oirre a soithichean uile, leis am fritheil iad ma timcheall, eadhon na tùiseirean, na greimichean-feòla, agus na sluasaidean, agus na cuachan, soithichean na h‑altarach uile; agus sgaoilidh iad oirre còmhdach de chraicnean bhroc, agus cuiridh iad rithe a bataichean.