Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 25:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì thu air a son ceithir failbheagan òir, agus cuiridh tu iad air a ceithir oisnean; agus bidh dà fhailbheig air aon taobh dhith, agus dà fhailbheig air an taobh eile dhith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus còmhdaichidh tu thairis i le òr fìorghlan, a‑staigh agus a‑muigh còmhdaichidh tu thairis i; agus nì thu oirre coron òir mun cuairt.

Agus nì thu bataichean de fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le òr.

Ann am failbheagan na h‑àirce bidh na bataichean: cha ghluaisear uaipe iad.

Agus nì thu dha ceithir failbheagan òir, agus cuiridh tu na failbheagan air na ceithir oisnean a tha aig a cheithir chasan.

Agus còmhdaichidh tu thairis na bùird le òr, agus nì thu am failbheagan de òr mar àiteachan do na croinn: agus còmhdaichidh tu thairis na croinn le òr.

Agus cuirear na bataichean anns na failbheagan, agus bidh na bataichean air dà thaobh na h‑altarach ga giùlan.

Agus chuir e na bataichean anns na failbheagan air taobhan na h‑àirce, a‑chum an àirc a ghiùlan.

Agus chuir e na bataichean anns na failbheagan air taobhan na h‑altarach, a‑chum a giùlan leo: fàs le bùird rinn e i.

Agus rinn iad dà fhail òir, agus dà fhàinne òir: agus chuir iad an dà fhàinne air dà cheann an uchd-èididh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan