Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 25:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iehoas ris na sagartan, Uile airgead nan nithean coisrigte a bheirear a‑steach do thaigh an Tighearna, airgead gach duine a thèid seachad anns an àireamh, airgead-meas gach duine, an t‑airgead uile a thig e ann an cridhe duine sam bith a thoirt a‑steach do thaigh an Tighearna,

Agus chaidh Maois a‑steach ann am meadhon an neòil, agus chaidh e suas don t‑sliabh: agus bha Maois anns an t‑sliabh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche.

Labhair ri cloinn Israeil, gun toir iad am ionnsaigh tabhartas: o gach duine a bheir seachad gu toileach e le a chridhe gabhaidh sibh mo thabhartas.

Agus chruinnich Maois coitheanal chloinn Israeil uile ri chèile, agus thubhairt e riu, Sin na nithean a dh’àithn an Tighearna gun dèanadh sibh iad.

Agus labhair Maois ri coitheanal chloinn Israeil uile, ag ràdh, Seo an nì a dh’àithn an Tighearna, ag ràdh,

Togaibh nur measg tabhartas don Tighearna: gach neach aig a bheil cridhe toileach, thugadh e leis e, tabhartas don Tighearna; òr, agus airgead, agus umha,

Agus ola airson solais, agus spìosraidh airson ola-ungaidh, agus airson na tùise cùbhraidh,

Mar sin chrìochnaicheadh uile obair pàillean bùth a’ choitheanail: agus rinn clann Israeil a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; mar sin rinn iad.

Agus thug iad am pàillean gu Maois, am bùth, agus a àirneis uile, a chromagan, a bhùird, a chroinn, agus a phuist, agus a bhuinn;

A rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil an obair uile.

Gabh uapa iad, a‑chum is gum bi iad a dhèanamh seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus bheir thu iad do na Lèbhitich, do gach fear a rèir a sheirbhis.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan