Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 24:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh e leabhar a’ choicheangail, agus leugh e ann an èisdeachd an t‑sluaigh; agus thubhairt iadsan, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne, agus bheir sinn gèill.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Cha robh nì air bith anns an àirc ach an dà chlàr chloiche, a chuir Maois an sin ann an Hòreb, nuair a rinn an Tighearna coicheangal ri cloinn Israeil, aig teachd a‑mach dhaibh à tìr na h‑Eiphit.

Agus mhionnaich iad don Tighearna le guth àrd, agus le gàir, agus le trompaidean, agus le buabhallan.

Cruinnichibh mo naoimh am ionnsaigh, iadsan a rinn coicheangal rium le ìobairt.

Ach rinn iad miodal ris lem beul, agus rinn iad breug dha len teangaidh,

Agus fhreagair an sluagh uile le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna, nì sinne. Agus thug Maois air ais briathran an t‑sluaigh a dh’ionnsaigh an Tighearna.

Mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Rinn mise coicheangal ri ur n‑athraichean anns an là anns an tug mi iad a mach à tìr na h‑Eiphit, à taigh nan daor, ag ràdh,

Mas math no mas olc e, bheir sinn gèill do ghuth an Tighearna ar Dia, gus a bheil sinn gad chur; a‑chum gun èirich gu math dhuinn nuair a bhios sinn umhail do ghuth an Tighearna ar Dia.

Agus nuair a ghabh mise seachad dlùth dhut, agus a dh’amhairc mi ort, feuch, bha d’aimsir na h‑aimsir ghràidh, agus sgaoil mise mo sgioball os do chionn, agus dh’fhalaich mi do lomnochdaidh: seadh mhionnaich mi dhut, agus thionnsgain mi ann an coicheangal riut, deir an Tighearna Dia, agus bu leamsa thu.

Nach eil aon athair againn uile? Nach aon Dia a chruthaich sinn? Cuime a bheil sinn a’ buntainn gu fealltach, gach duine an aghaidh a bhràthar, le bhith a’ briseadh coicheangal ar n‑athraichean?

Agus an dèidh leughadh an lagha agus nam Fàidhean, chuir uachdarain an t‑sionagoig dan ionnsaigh, ag ràdh, Fheara agus a bhràithrean, ma tha facal earail agaibh don t‑sluagh, abraibh e.

Agus nuair a leughar an litir seo nur measg-se, thugaibh fa‑near gun leughar i ann an eaglais nan Laodicèanach mar an ceudna; agus gun leugh sibhse cuideachd an litir o Laodicèa.

Tha mi a’ sparradh oirbh à uchd an Tighearna gun leughar an litir seo do na bràithrean naomha uile.

Agus thubhairt an sluagh ri Iosua, Don Tighearna ar Dia nì sinn seirbhis, agus ra ghuth-san èisdidh sinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan