Agus sgrìobh Maois briathran an Tighearna uile, agus dh’èirich e gu moch anns a’ mhadainn, agus thog e altair fon t‑sliabh, agus dà‑charragh-dheug a rèir dà‑threubh-dheug Israeil.
Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Abram, agus thubhairt e, Dod shliochd-sa bheir mise am fearann seo: agus thog e an sin altair don Tighearna, a dh’fhoillsicheadh dha.
Agus dh’èirich Iàcob gu moch anns a’ mhadainn, agus ghabh e a’ chlach a chuir e fo a cheann, agus chuir e suas na carragh i, agus dhòirt e ola air a mullach.
Agus dh’ìobair iad aig coisrigeadh taigh seo Dhè, ceud tarbh òg, dà cheud reithe, ceithir cheud uan; agus mar ìobairt-pheacaidh airson Israeil uile, dà‑bhoc-dheug goibhre, a rèir àireamh treubhan Israeil.
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sgrìobh seo mar chuimhneachan ann an leabhar, agus aithris e ann an cluasan Iosua; oir dubhaidh mise as gu tur cuimhne Amaleic o bhith fo nèamh.
Agus ghabh e leabhar a’ choicheangail, agus leugh e ann an èisdeachd an t‑sluaigh; agus thubhairt iadsan, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne, agus bheir sinn gèill.
Agus bidh na clachan le ainmean chloinn Israeil, a dhà-dheug, a rèir an ainmean; le gearradh seula, bidh gach aon aca le a h‑ainm fhèin a rèir an dà‑threubh-dheug.
Labhair ri cloinn Israeil, agus gabh slat o gach aon aca, a rèir taighean an athraichean on ceannardan uile, a rèir taighean an athraichean, dà‑shlait-dheug: sgrìobh ainm gach duine air a shlait fhèin.
A‑chum gun ith agus gun òl sibh aig mo bhòrd-sa ann am rìoghachd, agus gun suidh sibh air cathraichean rìoghail, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.
Agus nuair a thuig Seumas, agus Cèphas, agus Eòin, a tha air am meas nam puist, an gràs a thugadh dhomh, thug iad dhòmhsa agus do Bharnabas deaslàmh a’ chomainn; a‑chum gun rachamaid a‑chum nan Cinneach, agus iad fhèin a‑chum an timcheall-ghearraidh.
Agus sgrìobh Maois an lagh seo, agus thug e e do na sagartan, mic Lèbhi, a tha a’ giùlan àirc coicheangal an Tighearna, agus do sheanairean Israeil uile.
Agus thubhairt Iosua riu, Rachaibh thairis ro àirc an Tighearna ur Dia gu meadhon Iòrdain, agus togadh gach fear dhibh clach air a ghualainn, a rèir àireamh treubhan chloinn Israeil;