Ecsodus 24:3Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thàinig Maois agus dh’innis e don t‑sluagh briathran an Tighearna uile, agus na breitheanais uile: agus fhreagair an sluagh gu lèir le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne. Faic an caibideil |
A dh’àithn mise dur n‑athraichean anns an là anns an tug mi iad a‑mach à tìr na h‑Eiphit, as an fhùirneis iarainn, ag ràdh, Thugaibh gèill dom ghuth, agus dèanaibh na nithean sin uile, a rèir mar a tha mise ag àithneadh dhuibh: mar sin bidh sibh nur sluagh dhòmhsa, agus bidh mise ann am Dhia dhuibhse;