Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 24:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh Maois a‑steach ann am meadhon an neòil, agus chaidh e suas don t‑sliabh: agus bha Maois anns an t‑sliabh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Falbh a‑mach, agus seas air an t‑sliabh an làthair an Tighearna. Agus, feuch, ghabh an Tighearna seachad, agus reub gaoth mhòr agus làidir na beanntan, agus bhris i na creagan nam bloighdean ron Tighearna, ach cha robh an Tighearna anns a’ ghaoith; agus an dèidh na gaoithe crith-thalmhainn, ach cha robh an Tighearna anns a’ chrith-thalmhainn;

Agus dh’èirich esan, agus dh’ith agus dh’òl e, agus dh’imich e ann an neart a’ bhìdh sin dà‑fhichead là, agus dà‑fhichead oidhche, gu ruig Hòreb, sliabh Dhè.

Agus thàinig an Tighearna a‑nuas air sliabh Shinài, air mullach an t‑slèibh: agus ghairm an Tighearna Maois suas gu mullach an t‑slèibh, agus chaidh Maois suas.

Agus bha foillseachadh glòir an Tighearna mar theine dian-loisgeach air mullach an t‑slèibh, ann an sùilean chloinn Israeil.

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Agus nuair a chunnaic an sluagh gun do rinn Maois moille ann an teachd a‑nuas as an t‑sliabh, chruinnich iad iad fhèin gu Aaron, agus thubhairt iad ris, Eirich suas, dèan dhuinne diathan a thèid romhainn; oir a‑thaobh a’ Mhaois seo, an duine a thug a‑nìos sinn à tìr na h‑Eiphit, chan eil fhios againn ciod a thàinig air.

Agus bha e an sin maille ris an Tighearna dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; cha d’ith e aran, cha mhò a dh’òl e uisge: agus sgrìobh e air na clàir facail a’ choicheangail, na deich àitheantan.

Agus thubhairt Maois ris, Cho luath is a thèid mise a‑mach as a’ bhaile, sìnidh mì mo làmhan a‑mach a‑chum an Tighearna: agus sguiridh an tàirneanach, agus cha bhi a’ chlach-mheallain ann nas mò; a‑chum is gum bi fhios agad gur leis an Tighearna an talamh.

Agus chaidh Maois a‑mach o Phàraoh as a’ bhaile, agus shìn e a‑mach a làmhan a‑chum an Tighearna; agus sguir an tàirneanach agus a’ chlach-mheallain, agus cha do dhòirteadh an t‑uisge air an talamh.

Teichidh an t‑aingidh, gun neach air bith an tòir air; ach bidh na h‑ionraic dàn mar leòmhann.

Agus nuair a thraisg e dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, an dèidh sin bha acras air.

Agus bha e an sin anns an fhàsach dà‑fhichead là air a bhuaireadh le Sàtan, agus bha e maille ris na fiadh-bheathaichean, agus fhritheil na h‑aingil dha.

Agus bha e air a bhuaireadh rè dà‑fhichead là leis an diabhal; agus cha d’ith e nì sam bith anns na làithean sin: agus air dhaibh a bhith air an crìochnachadh, an sin dh’fhàs e acrach.

Agus dh’fhan mi anns an t‑sliabh, a rèir na ciad ùine, dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, agus dh’èisd an Tighearna rium mar an ceudna anns an àm sin, agus cha bu toil leis an Tighearna thusa a sgrios.

Ach dod thaobh-sa, seas an seo làimh riumsa, agus labhraidh mi riut na h‑àitheantan uile, agus na reachdan, agus na breitheanais, a theagaisgeas tu dhaibh, a‑chum is gun dèan iad iad anns an fhearann a tha mise a’ tabhairt dhaibh ra shealbhachadh.

Agus thuit mi sìos am fianais an Tighearna, mar air tùs, dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; cha d’ith mi aran, cha mhò a dh’òl mi uisge, airson ur peacaidhean uile a pheacaich sibh, le olc a dhèanamh ann an sealladh an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.

Mar seo, thuit mi sìos am fianais an Tighearna dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, mar a thuit mi sìos air tùs: a chionn gun dubhairt an Tighearna gun sgriosadh e sibh.

Nuair a chaidh mise suas don t‑sliabh a ghabhail nan clàr cloiche, eadhon clàir a’ choicheangail a rinn an Tighearna ribh, an sin dh’fhan mi anns an t‑sliabh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; cha d’ith mi aran, cha mhò a dh’òl mi uisge:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan